Fiosrachadh mu Fèisgoil

Tha Fèisgoil a’ lìbhrigeadh sheirbheisean cànain, ciùil, ealain is cultair do sgoiltean, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus buidhnean coimhearsnachd air feadh Alba.

Seo taghadh de na pròiseactan a bhios Fèisgoil a’ tabhann:
• Seiseanan Gàidhlig ann am bun-sgoiltean far nach eil Gàidhlig air a teagasg
• Cuairtean timcheall àiteannan agus làraichean eachdraidheil
• Clasaichean ciùil is seinn
• Làithean de bhlasad na Gàidhlig
• Obair dràma le dealbhan-cluiche Gàidhlig agus dà-chànanach
• Cur-seachadan tro mheadhan na Gàidhlig aig Fèisean is tachartasan coimhearsnachd … is barrachd

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbheis an seo agus chithear bhideo de na clasaichean Blasad Gàidhlig againn gu h-ìseal:

Tha eisimpleirean de na goireasan teagaisg a bhios sinn a’ cleachdadh mar phàirt den t-seirbheis seo rim faighinn an seo agus ma tha sibh ag iarraidh a h-uile goireas a’ toirt a-nuas gheibhear iad an seo ann am faidhle ZIP (150mb).

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council