Hùb Hàb

‘S e pròiseact teater airson clann sna tràth-bhliadhnaichean a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

Chaidh ‘Hùb Hàb air Ghleus’ air turas air feadh na dùthcha ann an 2016 agus chaidh Hùb Hàb: Cumaidhean Ceòlmhor air chuairt ann an 2017.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ‘Hùb Hàb’ no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Naidheachdan mu na tursan a bh’againn le Hùb ‘s Hàb
Hùb Hàb air Ghleus​
Hùb agus Hàb air Ghleus le Sgoiltean-àraich
Hùb agus Hàb air ais air an Rathad
​Hùb Hàb: Cumaidhean Ceòlmhor​
Dealbh-chluich Ùr mu Chumaidhean do Chlann Òga
Dealbh-chluich do Chlann Òga air Turas sna h-Eileanan an Iar
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council