Pantomime

A h-uile bliadhna bidh Fèisean nan Gàidheal a’ sgrìobhadh is a’ dol air chuairt le panto Gàidhlig ùr airson clann bun-sgoile air feadh na dùthcha.  Thèid na dealbhan-cluiche Nollaig seo a’ lìbhreagadh tron t-seirbheis Fèisgoil againn agus tha sinn gu mòr an comain Bòrd na Gàidhlig airson maoineachais a fhuaras gus an dealbh-chluich a rìochdachadh agus an turas a lìbhrigadh.

Anna Bheag agus a’ Chòta Dheirg
‘S fhada o chuala duine sgeul mu mhadadh-allaidh acrach anns a’ Choille Sheunta agus mar sin chan eil dragh air Anna Bheag nuair a chuireas i roimhpe tadhal air a sinn-sheanmhair airson a co-là breith.

Hansel ‘s Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine
Air Dihaoine 9 Dùbhlachd 2016 chrìochnaich an turas nàiseanta den dealbh-chluich Nollaig Hansel & Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine  le taisbeanadh ann an Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich.  Rè an turais, a mhair 10 latha, fhuair corr is  2000 duine chloinne le Gàidhlig bho 45 sgoil cothrom an dealbh-chluich Nollaig fhaicinn agus bha taisbenadh poblach ann cuideachd a chaidh a chumail aig an Ironworks ann an Inbhir Nis air Diardaoin 8 Dùbhlachd.  Ann an 2016 fhuair sgoiltean Gàidhlig ann an Leòdhas ‘s na Hearadh cothrom ga faicinn le trì taisbeanaidhean aig Talla Bhaile Steòrnabhaigh air Diluain 5 Dùbhlachd agus taisbeanadh anns na Hearadh, aig Sgoil Sir E. Scott air madainn Dimàirt 6 Dùbhlachd.

Chaidh an dealbh-chluich a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, dealbhaich Shanon White na propaichean agus dreach na stèidse agus dhealbhaich Laura Cowie na culaidhean.   Bha ceithrear a’ cleasachd san dealbh-chluich, ‘s iad Calum Dòmhnallach, MJ Deans, Debbie NicAoidh agus Iain Beggs.

Dealbhan bho thaisbeanadh a chaidh a chumail aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air Dihaoine 2 Dùbhlachd

Dealbhan bho thaisbeanadh a bh’aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain air Diardaoin 9 Dùbhlachd le Bun-sgoil Inbhir Pheofharain, Bun-sgoil Bruach na Muilne, Inbhir Narainn agus Bun-sgoil Ulapuil an làthair.

MARSAILI AGUS A’ BHLEIDEAG AIRGID
Bha an taisbeanadh sònraichte seo – Marsaili agus a’ Bhleideag Airgid – air an àrd-ùrlar airson deich latha is shiubhal na cleasaichean còrr is 1,200 mìle, a’ tadhal air bailtean, beag is mòr, air feadh na dùthcha. Ged nach eil e comasach do Fèisean nan Gàidheal am panto a thoirt dha na sgoiltean is ionadan Gàidhlig gu lèir san dùthaich gach bliadhna, tha e na amas dhan bhuidhinn slighe na cuairt atharrachadh bho bhliadhna gu bliadhna gus na sgoiltean gu lèir a fhrithealadh.

Ruith an cuairt eadar 30 Samhain agus 11 Dùbhlachd 2016, a’ tadhal air 17 sgoiltean le 26 sgoiltean eile a’ cruinneachadh sna sgoiltean as fhaisge orra airson an taisbeanadh fhaicinn còmhla. Tha na ceithir cleasaichean – Ellen NicDhòmhnaill, Catriona NicNeacail, Iain Beggs is an t-Oifigear Dràma againn, Aonghas MacLeòid – air cliù a chosnadh dhaibh fhèin thar nam bliadhnaichean, le cuid aca le pàirtean ann am Bannan, dràma Ghàidhlig a th’ air BBC Alba. Rinn Laura Cowie na h-aodaich sònraichte dhaibh is bha Daibhidh Walker gan stiuìreadh.

“Moladh mòr air na seòid a bha air àrd ùrlar airson aire an t-sluaigh a glacadh le taisbeanadh a bha cho innleachdail is spòrsail. Bha e uabhasach math cuideachd sgoilearan Gàidhlig na sgìre fhaicinn cruinn còmhla air adhbhar cho tlachdmhor.”

“Chòrd e riunn uile gu mòr! Am fear a b’fheàrr gu ruige seo – uabhasach math!”

“Bha sinn dìreach airson taing a thoirt dhuibh airson a thighinn a thadhal oirnn ann an 2015. Chòrd e ris a h-uile sgoilear agus tidsear gu mòr, abair gàireachdainn a rinn sinn uile!”

Builean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais

  • mothachail air cò ris a tha e coltach a bhith an làthair aig tachartas inntinneach agus brosnachail air a lìbhrigeadh le daoine eile
  • ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
  • a’ leasachadh tuigse air cho beòthail, luachmhor ‘s a tha cultar nan Gàidheal – don chuid mhòir aca ann an sgìre na Gàidhealtachd, an cultar agus an cànan aca fhèin
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council