Cèilidhean air Chuairt

Bha a’ chiad Cèilidh air Chuairt air a stèidheachadh le Fèis Rois ann an
 1999 airson taic a thoirt do luchd-ciùil òga na sgilean cluiche aca a 
leasachadh agus airson prògram de cheòl traidiseanta, beòthail a 
chruthachadh air a’ Ghaidhealtachd. ‘S e inneal sònraichte a tha seo a’ toirt cothrom do dheugairean trèanadh fhaighinn ann an cuid de na 
sgilean a fheumadh a bhith aca airson beò-shlàint’ a dhèanamh ann an ceòl traidiseanta no ann an gnìomhachas a’ chiùil.

Gabhaibh an cothrom cuid de na seinneadairean agus luchd-ciùil òga as fheàrr bho na Fèisean a chluinntinn air slighean nan cèilidhean a bhios a’ tachairt anns na sgìrean seo:

Seo eisimpleir de na còmhlain a chithear air na Cèilidhean air Chuairt – buidheann aig Fèis Lochabair

Tha sgeama taic-airgid ann airson Cèilidhean air Chuairt a chur air dòigh agus ghabhadh an stiùireadh agus foirm-iarrtais a luchdach a-nuas air taobh deas na duilleige.

‘S urrainnear prògram de Chèilidhean 2016 a’ luchdach a-nuas air taobh deas na duilleige.

Lorgar faclan agus abairtean feumail airson luchd-ciùil aig cèilidhean an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council