Maoineachadh agus Àrachas

Gheibhear fiosrachadh mu Sgeama Tabhartasan nam Fèisean, Sgeama Leasachaidh nam Fèisean agus cothroman maoineachaidh bho bhuidhnean eile ar an duilleag seo.  Gheibhear cuideachd fiosrachadh mun dìon-àrachais a bhios Fèisean nan Gàidheal a’ cur air dòigh airson nam Fèisean uile.
 

Sgeama Tabhartasan nam Fèisean 2018-19

Tha Sgeama Thabhartasan Fèisean nan Gàidheal a-nis fosgailte do dh’iarrtasan. Tha buill na buidhne a’ faighinn cuireadh gus iarrtas a chur a-staigh airson taic-airgid le tachartasan iomchaidh eadar an Giblean 2018 agus am Màrt 2019.   Gheibhear stiùireadh agus foirm-iarrtais airson an sgeama air taobh deas na duilleig seo.  Feumar iarrtasan a bhith a-satigh ro 5f, Dihaoine 19 den Fhaoilleach 2018.

Tha pasgan-taice nam fèisean a tha làn de stuthan agus fiosrachadh feumail ri lorg an seo

Sgeama Leasachaidh nam Fèisean 2017-18

Gheibhear stiùireadh agus foirm-iarrtais airson Sgeama Leasachaidh nam Fèisean air taobh deas na duilleig seo.
 

Cothroman Maoineachaidh eile

Gu h-ìseal gheibhear ceangal gu diofar maoin-airgid a tha freagarrach airson obair nam Fèisean, pròiseactan cànain, ciùil is cultarail. A bharrachd air sin, air taobh deas na duilleig, tha stòr-dàta de luchd-maoineachaidh is urrasan airson a thoirt a-nuas.

Alba Chruthachail

Airgead a’ Chrannuchuir Nàiseanta – Big Lottery

Awards for All

Heritage Lottery Funding

Taic Frèumhan Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig

Tasgadh

Maoin Coimhearsnachdan Alba
 

Àrachas

Tha poileasaidh àrachais aig Fèisean nan Gàidheal a tha a’ toirt dìon-àrachais do na Fèisean uile airson gnothaichean àbhaisteach sam bi iad an sàs – clasaichean, tachartasan, uidheamachd ICT agus ionnsramaidean ciùil.  Gheibhear fiosrachadh mun phoileasaidh an seo.

Bu chòir do na Fèisean a bhith mothachail air na tha air a dhìon tron phoileasaidh agus a dhèanamh cinnteach gu bheil àrachas a bharrachd aca ma tha iad gu bhith an sàs ann an gnothach sam bith nach eil a’ tighinn fon phoileasaidh.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council