Mu ar deidhinn

Chaidh Fèisean nan Gàidheal a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean. ‘S e buidheann le ballrachd a th’ ann a tha a’ tairgse iomadh seirbheis a’ gabhail a-steach taic le tabhartasan, trèanadh, àrachas agus iasadan ionnstramaidean. ‘S e companaidh earranta a th’ ann am Fèisean nan Gàidheal, clàraichte ann an Alba SC130071. ‘S e Buidheann Charthannais Albannaich a th’ ann, àireamh SC002040, maoinichte le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit aig Alba airson Cultair, Fiona Hyslop, ann am Past, Present & Future: Culture & Heritage in an Independent Scotland: “Tha fhios againn ma thèid daoine an sàs ann an gnothaichean cultarach gum faod sin cuideachadh le bhith neartachadh agus a’ cur ri maith choimhearsnachdan is dhaoine. Le sin tha mi a’ smaoineachadh air Fèisean nan Gàidheal a tha am measg nam prìomh bhuidhnean a tha toirt nan ealain Gàidhlig air adhart. Gu dearbh, tha rannsachadh a’ sealltainn chan e a-mhàin gu bheil daoine òga ag ionnsachadh sgilean ùra bho bhith dol an sàs ann an tachartasan cultarach, ach cuideachd tha iad a’ cur barrachd sùim annta fhèin agus tha barrachd tuigse aca air cò iad.”

Tha an dòchas is a’ bheothalachd a th’ ann an-diugh a thaobh ceòl traidiseanta agus adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba, gu ìre nach beag, mar thoradh air mar a tha na Fèisean air soirbheachadh.

Tha Fèisean nan Gàidheal air aon de na buidhnean a tha faotainn maoineachadh gu cunbhalach bho Alba Chruthachail agus tha sinn a’ toirt taic do 47 Fèisean teagaisg a tha a’ toirt ionnsachadh ann an ealain dhualchasach na Gàidhlig do dh’òigridh air feadh Alba. Tha na Fèisean air a bhith toirt oideachadh do dhaoine òga ann an ceòl traidiseanta, òrain Ghàidhlig is dràma Ghàidhlig airson còrr is 35 bliadhnaichean. Bidh mu 6,000 duine òg a’ gabhail pàirt sna clasaichean gach bliadhna. Ma thèid àireamh an luchd-èisteachd aig na tachartasan againne agus pròiseactan eile sa bheil sinn an sàs a chunntadh, tha sinn a’ ruighinn air mu 70,000 neach gach bliadhna agus tha an àireamh sin a’ dol suas gu barrachd air 450,000 a’ gabhail a-steach prògraman telebhisein agus bhidiothan YouTube sam bi muinntir nam Fèisean a’ nochdadh.

Tha Fèisean nan Gàidheal an urra ris an fhèis Bhlas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, agus bidh sinn a’ toirt taic do dh’Fhèisean a tha a’ cur air adhart Cèilidhean air Chuairt a bhios a’ cluich air beulaibh barrachd air 10,000 neach gach bliadhna.  Bidh sinn cuideachd a’ ruith na seirbheis Fèisgoil airson obair a lìbhrigeadh ann an sgoiltean.  Tron t-seirbheis bidh clasaichean ciùil gan cur air adhart tro Iomairt Chiùil na h-Òigridh agus a’ teagasg Gàidhlig far a bheil taic a dhìth tro GLI agus 1+2.

Tha obair dràma Ghàidhlig a’ dol air adhart eadar dealbhan-cluiche a bhios a’ dol air chuairt, dealbh-chluich Nollaige agus Sgoil Shamhraidh Dràma gach bliadhna. Tha an tachartas bliadhnail 5 Latha a’ toirt cothrom do dheugairean a dhol an sàs ann an gnìomhan eadar-dhealaichte tro mheadhan na Gàidhlig ann an coimhearsnachd taobh Siar Leòdhais.

Gheibhear Plana Prògraim 2015-20 na buidhne an seo agus prògram 2017-18 an seo.  Tha plana Co-ionnanachd, Iomadachd agus In-ghabhail a chaidh aontachadh eadar Alba Chruthachail agus Fèisean nan Gàidheal ri fhaicinn an seo.

Tha liosta den luchd-obrach ri fhaicinn an seo le na dleasdanasan sònraichte aca.

Tha liosta de bhuill a’ Bhùird-stiùiridh a bhios a’ riaghladh Fèisean nan Gàidheal ri fhaicinn an seo cuide ri pàipearan a’ Bhùird.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council