Poileasaidhean

Gheibhear gach poileasaidh aig Fèisean nan Gàidheal airson luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleig seo.  Bidh poileasaidhean air an aontachadh leis a’ Bhòrd-stiùiridh ach tha iad fo sgrùdadh leantainneach aig amannan iomchaidh.  Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh nam poileasaidhean no beachdan air na th’ againn an seo leigibh fios thugainn.

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ brosnachadh chothroman co-ionnanachd anns gach suidheachadh is tha seo air a mhìneachadh anns na Poileasaidhean airson Co-ionnanachd Chothroman, Poileasaidh airson So-ruigsinneachd agus Plana Gnìomh Co-ionnanachd, Iomadachd agus In-ghabhail.

Tha e na amas cudromach aig Fèisean nan Gàidheal gum biodh tachartasan na buidhne agus nam Fèisean fosgailte do gach neach. Ma tha fiosrachadh a dhìth air Fèis sam bith mu na ghabhas dèanadh gus feumalachdan gach neach a ruighinn agus mu thaic airson seo a thoirt gu buil, leigibh fios dhan Oifigear Leasaichaidh agaibh anns a’ chiad dol a-mach.

Gheibhear taisbeanadh mu toirt a-steach daoine le feumalachdan sònraichte an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council