Fàilte oirbh gu Fuaran~

cruinneachadh ùr de dh’òrain Ghàidhlig le Fèisean nan Gàidheal

Am pròiseact

‘S e pròiseact dualchais a th’ ann am Fuaran a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig as na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh.

Thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh tha còrr math is fichead neach òg aois 16-24 air pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn is trèanaidh le cuid dhe na h-eòlaichean as comasaiche a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig.  Tha naoinear air a dhol air adhart gus trèanadh agus rannsachadh na bu dhoimhne a dhèanamh le bhith a’ cumail agallamhan le daoine bho chaochladh coimhearsnachd agus a’ sgrùdadh chruinneachaidhean agus ghoireasan beul-aithris.  Tha an sgioba seo air 22 òran a thrusadh agus a chlàradh as ùire, a’ toirt dhuinn cruinneachaidh phrìseil ùir de dh’òrain Ghàidhlig.

An goireas

Tha an làrach seo na eisimpleir de chuid de na chruinnich agus na chaidh a chlàradh le naoinear de na daoine a ghabh pàirt ann am Fuaran.

Air an làrach seo chithear duilleag fa-leth do gach òran le:

  • facail an òrain agus fiosrachadh ma dheidhinn
  • faidhle fuaim is an neach-rannsachaidh a’ gabhail an òrain
  • bhideo le fo-thiotalan Gàidhlig is Beurla
  • PDF dhe na facail a ghabhas sàbhaladh

Tha sinn cuideachd air mapa a chruthachadh a leigeas le daoine na h-òrain a rannsachadh a-rèir sgìre.

Thathar an dòchas gum bi iad seo nan deagh ghoireas do sheinneadairean agus luchd-teagaisg, ‘s gu dearbh gum bi e gam brosnachadh gu bhith rannsachadh agus cruinneachadh tuilleadh òrain Ghàidhlig.

Aithneachadh

Tha sinn gu mòr an comain luchd-maoineachaidh a’ phròiseict seo – Maoin Dualchais a’ Chrannchuir agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean – agus ar luchd-compàirt Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil (Àrainn Bheinn na Faoghla).  Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do dh’ Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson an cuid taice leantainnich a tha air leigeil leinn Fuaran a stèidheachadh.

Mu dheireadh tha sinn fada an comain gach neach a ghabh pàirt anns a’ phròiseact agus a h-uile duine a thug seachad an cuid ùine, òrain agus sgeulachdan airson Fuaran – mìle taing dhuibh uile.

Funders