Feisgoil
Meanbh-fhèis Àrd-sgoil Phort Rìgh
Pròiseact a' toirt taic ri builean a' Churraicealam airson Sàr-mhathais Gàidhlig aig ìre AS1
Dràma-oideachaidh: Beurla
Bidh Meanbh-chuileag, am pròiseact dràma taisbeanaidh aig Fèisean nan Gàidheal, a' lìbhrigeadh dràma-oideachaidh, le blas Gàidhealach, ann am bun-sgoiltean Beurla air feadh Alba.
Cuairtean Cultarail is Eachdraidheil
Bidh Fèisean nan Gàidheal a' lìbhrigeadh chuairtean Gàidhlig aig làraich eachdraidheil air feadh Alba, Caisteal Dhùn Èideann nam measg.
Taic cànain
Ann an 2011 agus 2012 ruith Fèisean nan Gàidheal sreath de bhùthan-obrach a chaidh a dhealbhachadh gus Gàidhlig a theagasg do chloinn nach eil ag ionnsachadh a' chànain gu foirmeil.
Pantomime
Bidh Fèisean nan Gàidheal a' sgrìobhadh is a' dol air chuairt le panto Gàidhlig ùr gach bliadhna.
Dràma-oideachaidh: Gàidhlig
Bidh Meanbh-chuileag a' dealbhachadh is a' taisbeanadh dealbhan-cluiche ann an sgoiltean air feadh Alba.
Sgioba G
Tha Gàidhlig aig cridhe nam Fèisean, agus tha Fèisean nan Gàidheal air iomairt a chur air bhonn gus dèanamh cinnteach gum bi a' chlann a' bhios gam frithealadh a' faighinn deagh theagasg sa chànan a bharrachd air ceòl.
Bùthan-obrach dràma: Fèisean Dràma
Thairis air na sia bliadhna a dh'fhalbh tha Fèisean nan Gàidheal air cothrom a thoirt do cha mhòr 2,000 sgoilear òg ann am bun-sgoiltean Gàidhlig dealbhan-cluiche a dheasachadh agus a chur air an àrd-ùrlar le taic bho eòlaiche dràma.








