fiosrachadh mu fèisgoil

Tha Fèisean nan Gàidheal gu bhith a' cur Fèisgoil air dòigh a bhios a’ lìbhrigeadh sheirbheisean cànain, ciùil, ealain is cultair do sgoiltean, ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus buidhnean coimhearsnachd air feadh Alba.

Seo taghadh de na pròiseactan a bhios Fèisgoil a’ tabhann:
• Seiseanan Gàidhlig ann am bun-sgoiltean far nach eil Gàidhlig air a teagasg
• Cuairtean timcheall àiteannan agus làraichean eachdraidheil
• Clasaichean ciùil is seinn
• Làithean de bhlasad na Gàidhlig
• Dealbhan-cluiche Gàidhlig agus dà-chànanach
• Cur-seachadan tro mheadhan na Gàidhlig aig Fèisean is tachartasan coimhearsnachd ... is barrachd

Tha sinn a’ sìreadh dhaoine bho air feadh na dùthcha a bhios comasach an t-seorsa obrach seo a lìbhrigeadh dhuinn air cùmhnantan goirid a rèir iarrtais airson na seirbheis.  Bidh fàilte air daoine le measgachadh de sgilean co-cheangailte ri ar cànan ‘s ar cultar. 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh san t-sanas seo agus tuilleadh mu phròiseact an seo

Tha eisimpleirean de na goireasan teagaisg a bhios sinn a' cleachdadh mar phàirt den t-seirbheis seo rim faighinn an seo agus ma tha sibh ag iarraidh a h-uile goireas a' toirt a-nuas gheibhear iad an seo ann am faidhle ZIP (150mb).

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014