Dràma-oideachaidh: Gàidhlig

Ged a chaidh a' mhòr-chuid de na dealbhan-cluiche a rinn Meanbh-chuileag, a' bhuidheann dràma-oideachaidh aig Fèisean nan Gàidheal, a stèidheachadh air cultar, eachdraidh no beul-aithris, bha e riamh san amharc aig a' bhuidheann dealbh-cluiche a dhèanamh a bha gu tùr co-aimsireil.

'S ann air cogadh Afganastan a bha Le Meas stèidhichte, is chaidh a dhèanamh ann an còrr is 50 bun-sgoil Ghàidhlig air feadh Alba.

'S ann mu dheidhinn Chris, balach à Glaschu, agus an càirdeas a th' eadar e fhèin is Maram, nighean mun aon aois à Kabul a bha an dealbh-cluiche seo. Bidh a' mhòr-chuid de na bhios a' dol air adhart air an stèidse a' gabhail àite ann an chatroom eadar-lìn – Chris na sheòmar-cadail ann an Glaschu, is Maram san taigh aice ann an Kabul. Gheibh Chris a-mach mu chultar Afganastan is mun dòigh beatha a th' aig muinntir na dùthcha sin. Ach air sgàth 's gu bheil cogadh a' dol air adhart an sin tha cunnart ann an-còmhnaidh gun tachair rudeigin uabhasach.

Ag amas air P4 gu 7 GM, bha an dealbh-cluiche seo air fear de na pròiseactan a bu shoirbheachail a rinn Meanbh-chuileag a-riamh.

Bidh Meanbh-chuileag, as trice a' sgrìobhadh is a' toirt air chuairt dealbh-cluiche ùr gach bliadhna, is tha a' bhuidheann air leth deònach èisteachd ri molaidhean airson dealbhan-cluiche ùra.

I would like to pass on my thanks to the two actors who came to our school and performed the play about Maram. It was a treat for all of us and was very moving (I was crying at one point!!) Of all the productions I've seen as a Gaelic Medium teacher, this was the most relevant. The actors had beautiful, clear Gaelic, which the children easily understood. The production was pitched at just the right level and our children with learning difficulties also gained much. As the P5-7 teacher, I didn't know you were coming ... so what a fantastic surprise that it turned out so good. The workshop was extremely useful too ...after we went back to class, we looked at the atlas and found out lots of other things about Afghanistan. Many, many thanks to the Company and please pass on my thanks to the fine actors. I hope you'll come again! We're a small Department and the children don't get many opportunities like this. (Tidsear)
 

Builean a' Churraicealam airson Sàr-mhathais

  • mothachail air cò ris a tha e coltach a bhith an làthair aig tachartas inntinneach agus brosnachail air a lìbhrigeadh le daoine eile
  • ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
  • a’ leasachadh tuigse air cho beòthail, luachmhor ‘s a tha cultar nan Gàidheal – don chuid mhòir aca ann an sgìre na Gàidhealtachd, an cultar agus an cànan aca fhèin
Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014