Sgioba G

Tha cothrom ann do chompàirtichean aig na Fèisean beagan Gàidhlig ionnsachadh agus a chur gu feum ann dòigh spòrsail 's tarraingeach le na geamaichean agus cur-seachadan eadar-obrachail aig Sgioba G.

Tro na cur-seachadan seo, gheibh compàirtichean aig nach eil eòlas air a' chànain agus luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-meadhanach cothrom roghainn de dh' fhaclan 's abairtean Gàidhlig ionnsachadh.   Thèid fileantaich a shòlarachadh cuideachd le geamannan agus cur-seachadan a tha gam brosnachadh gu bhith cleachdadh na Gàidhlig gu misneachail 's gu cruthachail le na co-aoisean aca

Gu h-àbhaisteach ann an clàr-ama Fèise gheibhear timcheall air 30 mionaid gach latha airson gach seisean Sgioba G, ùine gu leòr gus 2 no 3 chur-seachad a lìbhreagadh.  Faodaidh na seiseanan a leanas tron seachdain a bhith gabhail a-steach geamannan agus cur-seachadan tha daingneachadh faclan a chaidh a theagasg.

Cuiridh comataidh na Fèise compàirtichean ann am buidhnean ro làimh a-rèir aois agus comas anns a' chànan.
Bu chòir comas sa Ghàidhlig a bhith air a chomharrachadh anns na foirmean-clàraidh.

'S àbhaist don luchd-stiùiridh a thèid a thaghadh leis a chomataidh a bhith fileanta ann an Gàidhlig no ag ionnsachadh aig ìre eadar-meadhanach a tha deònach seisean Sgioba G a lìbhreagadh a bharrachd air na dleastanasan a th'orra mar luchd-oide.
Cha bu choir uallach a bhit air luchd-stiùiridh nach eil fileanta.  Airson buidhnean luchd-ionnsachaidh thèid na geamannan 's cur-seachadan a lìbhreagadh anns a' Ghàidhlig 's cha bu choir duilgheadas a bhith aig luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-meadhanach le bhith fuaimneachadh faclan 's abairtean anns na pasgain-teagaisg.

Atharraichaidh an àireamh de luchd-stiùiridh a bhiodh a dhith 's an t-sèorsa chur-seachad a ghabhadh a chleachdadh a-rèir an àireamh de chompàirtichean a ghabhas pàirt 's na raointean-teagaisg aig an Fhèis.  Airson buidhnean mòra ma dh'fhaoidhte gum bi feum air dithis luchd-stiùiridh.

Gabhaidh briathrachais a thèid a chleachdadh aig gach Fèis a thoirt seachadh ro-làimh gus ùine a thoirt do luchd-stiùiridh eòlas a chur air na cur-seachadan, briathrachais agus fhaighneachd son comhairle no taic fhaighinn le fuaimneachadh nam biodh sin a dhith.

Tha e cudromachd gu bheil geamaichean 's cur-seachadan Sgioba G air an lìbhreagadh le misneachd 's moit as a chànan le abhachdas  gu leòr nan cois.

Bu choir luchd-òide a tha gann de mhisneachd ach aig a bheil ùidh a bhith libhreagadh an cur-seachadan a bhith air am brosnachadh gus eòlas fhaighinn an cois oidiche eile tron t-seachdain.

Cothroman trèanaidh 
Bheir Fèisean nan Gàidheal cothrom do bhuill chomataidh agus luchd-oide  seiseanan trèanaidh a dhèanamh ma tha ùidh aca ann a bhith lìbhreagadh geamaichean Sgioba G.
Nam biodh feumail airson comataidh d' Fhèise no ma tha thu nad oidiche aig aig am biodh ùidh pàirt a ghabhail ann an seisean trèanaidh, gabhaidh clàradh a dhèanamh le bhith cur fios gu Oifigear Trèanaidh Iona NicDhòmhnaill aig oifis Fèisean nan Gàidheal ann am Port Rìgh le post-d aig iona@feisean.org no 01478613355 no le bhith lionadh an fhoirm-chlàraidh air-loidhne:  Thoir dhomh na sgilean son Sgioba

Cur-seachadan 's geamaichean 

Tha Fèisean nan Gàidheal air cruinneachadh de gheamaichean 's cur-seachadan airson Gàidhlig ionnsachadh stèidht air roghainn de chuspairean m.e.

Fèisean nan Gàidheal have gathered together a collection of language learning activities and games based on a variety of topics e.g.

FIntroductions
Àireamhan
Dathan
Am bodhaig
Aodach
Aig na bùthtean
Gabhaidh briathrachais agus goireasan eile bhiodh feumail ann a bhith lìbhreagadh na cur-seachadan 's geamaichean a thabhann cuideachd m.e. cairtean-boillsgidh

Aon uair 's gu bheil thu air clàradh a dhèanamh gus geamannan Sgioba G a lìbhreagadh thèid ceangal a chur thugad chun tasglann de gheamaichean aig Sgioba G.

Ma tha ceistean sam bith agaibh mun dòigh 's ghabhadh na cur-seachadan 's geamaichean, tha fàilte oirbh brath a chur thugainn.
Bhiodh sinn gu mòr nur comain ma tha molaidhean agaibh fhèin airson geamaichean 's cur-seachadan agus gabhaidh an cur ris an tasglann againn airson maith na Fèisean.

Seo agaibh eiseimpleir den dòigh 's a thathar a lìbhreagadh Sgioba G aig Fèis Lochabair:

Sùil air Sgioba G aig Fèis Lochabair

Tha Sgioba G air a bhith mar phàirt de sheachdain Fhèis Lochabair bho thòisich an iomairt, agus ann an 2011 agus 2012 bha Dougie Beck an sàs ann a bhith a' lìbhrigeadh clasaichean Sgioba G aig an Fhèis.

Tha na seiseanan Sgioba G aig Fèis Lochabair mu 35 mionaid a dh'fhad, agus bidh na com-pàirtichean, as trice, air an roinn a rèir aois agus ìre de Ghàidhlig, a' ciallachadh gum bi 6 no 7 buidhnean ann: luchd-tòiseachaidh òga is nas sine, eadar-mheadhanaich (iadsan a tha air beagan Gàidhlig a dhènamh mar-thà) òga is nas sine, agus fileantaich òga is nas sine. Bidh diofar thachartasan ann do na diofar ìrean.

Ged as e Dougie a bha a' stiùireadh Sgioba G aig an Fhèis, bha a h-uile neach-teagaisg eile an sàs anns na clasaichean. 'S iad an luchd-teagaisg fileanta a bha os cionn nan clasaichean, is bha an còrr den luchd-teagaisg ann còmhla riuth amar luchd-taice.

Bha a' chlann an sàs ann an tachartasan diofraichte gach latha, agus air an latha mu dheireadh ghabh a h-uile duine pàirt quiz, a leig leis an luchd-teagaisg dearbhadh gun robh iad air rudeigin ionnsachadh!
 

Tha Fèisean nan Gàidheal a' sìor leasachadh nan gèamaichean is tachartasan a bhios Sgioba G a' cleachdadh, is tha sinn air feum mhòr a dhèanamh às na stuthan a chaidh ullachadh airson an sgèama Taic Cànain.

A bharrachd air na Fèisean, tha sinn air Sgioba G a chur gu feum ann an diofar shuidheachaidhean, leithid seiseanan Gàidhlig do bhuidhnean coimhearsnachd, sgoiltean agus buidhnean ionnsachaidh etc.
 

Builean a' Churraicealam airson Sàr-mhathais

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014