Dràma-oideachaidh: Beurla
Eachdraidh na Gàidhealtachd
Chaidh and dealbh-cluiche Eachdraidh na Gàidhealtachd a thaisbeanadh ann an 90 bun-sgoil Bheurla, eadar Barraigh is Gallaibh, eadar 2003 agus 2005.
A' tòiseachadh ann an Linn na Cloiche, lean clann ann am p4 gu 7 10,000 bliadhna de eachdraidh Ghàidhealach, 's iad a' sgrùdadh Linn an Umha, Linn an Iarrainn, na Cruithnich, na ciad Albannaich, Calum Cille, na Lochlannaich, na h-Albannaich a' dèanamh an gnothach air na Cruithnich, Tighearnas nan Eilean, na Cinnidhean, Bliadhna Theàrlaich, na Fuadaichean agus a' Ghàidhealtachd san latha an-diugh. An cuideachd dithis àirceolaiche annasach a bha a' mìneachadh a h-uile rud a thachair air an stèidse, chunnaic a' chlann aodach ga atharrachadh còrr is 45 turas taobh a-staigh uair is cairteal fhad 's a bha na caractaran èibhinn ag ath chruthachadh taghadh de thachartasan eachdraidheil.
A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh mu na tachartasan as cudromaiche ann an eachdraidh Ghàidhealach, chaidh abairtean sìmplidh Gàidhlig a theagasg don chloinn agus an dealbh-cluiche a' leantainn air adhart.
Mar phàirt de phròiseact ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba, chlàr a' bhuidheann tarraing Ghàidhlig den dealbh-chluiche a chaidh a chleachdadh airson cuairtean sgoile.
Chaidh pasgan-taice do sgoilearan is tidsearan a chruthachadh mar phàirt den phròiseact.










