Bùthan-obrach dràma: Fèisean Dràma

Eisimplear: Fèis Dhràma Earra-Ghàidheal is Loch Abar

Chaidh Fèis Dhràma Earra Ghàidheal is Loch Abar a stèidheachadh ann an 2006 gus cothrom a thoirt do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dealbhan-cluiche a dheasachadh is a thaisbeanadh le stiùir is taic bho dhaoine a tha ag obair gu proifeiseant ann an dràma.

Chan eil cruth a' phròiseict air atharrachadh gu mòr bhon uair sin; bidh luchd-obrach dràma a' tadhal air gach sgoil suas gu ochd tursan rè teirm an earraich gus taic a thoirt do thidsearan ann a bhith ag ullachadh na cloinne airson nan taisbeanaidhean, a tha air àite a ghabhail ann an Àrd-sgoil an Òbain, Bun-sgoil Àth Tharracaill agus Tallaichean a' Chorrain le luchd-amharc math air thighinn ann gach turas.

Ged a bha a' mhòr-chuid den obair ga dèanamh gus faighinn deiseil airson nan taisbeanaidhean poblach, chleachd na h-eòlachaichean dràma an ùine a bh' aca leis a' chloinn gus taghadh farsaing de sgilean dràma bunaiteach a thoirt dhaibh, eadar sgilean cleasachd san fharsaingneachd gu dealbhachadh àirneis stèidse. Nuair a thòisich am pròoiseact, bhiodh tidsearan gu tric a' taghadh nan dealbhan-cluiche aca bho leabhraichean no bho stòrais eile; bidh cuid mhath de na sgoiltean a tha an sàs sa phròiseact a-nise a' sgrìobhadh nan dealbhan-cluiche aca fhèin, 's iad ag obair orra tro theirm na Nollaig. O chionn ghoirid tha Fèisean nan Gàidheal air roghain a thoirt do sgoiltean feum a dhèanamh de shiostam sgrìobhaidh a chaidh a dhealbhachadh le luchd-obrach na buidhne a leigeas le cloinn a bhith an sàs anns a' phròiseas chruthachail le taic bho stiùir a tha furasta tuigsinn.

B' e 2012 a' bhliadhna a bu thrainge a bh' againn fhathast, le 11 dealbhan-cluiche gan taisbeanadh le sgoiltean bho Thraigh a' Chaisteil, an Sàilean, An t-Òban, an Apainn, An Gearasdan, Àth Tharracaill agus Malaig. Bidh cuid mhath de sgoiltean a-nise a' cur air adhart dà dhealbh-cluiche – fear bho gach ceann den sgoil.

A rèir Dougie Beck, Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, tha buannachdan air leth ann don chloinn a bhios a' gabhail pàirt sa phròiseact: "Tha tòrr de na sgoilearan a bhios a' gabhail pàirt sa phròiseact air a bhith an sàs ann fad trì no ceithir de bhliadhnaichean agus tha e air leth follaiseach nach bi iad a' dìochuimhneachadh nan sgilean a dh'ionnsaich iad. 'S ann airson dràma dh'ionnsaich iad na sgilean a tha seo, ach thathas air aithneachadh gu bheil iad cuideachd feumail ann am beatha dhaoine òga san fharsaingneachd. Tha sinn air leth toilichte gu bheil coltas ann gu bheil am pròiseact seo a-nise air mìosachan nan sgoiltean!"

Tha Fèisean nan Gàidheal air pròiseactan den aon seòrsa a ruith ann an diofar sgìrean, Uibhist, Leòdhas, na Hearadh, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois agus Cataibh nam measg.

Builean a' Churraicealam airson Sàr-mhathais

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland