Taic cànain
Le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, dhealbhaich Fèisean nan Gàidheal prògram de bhùthan-obrach a thug cothrom do chloinn nach eil idir a' faighinn Gàidhlig san sgoil beagan Gàidhlig ionnsachadh ann an dòigh spòrsail aotram.
'S ann mar phàirt den sgeama Sgioba G, a tha ga chleachdadh aig Fèisean ionadail gus Gàidhlig a theagasg do chom-pàirtean Fhèisean, a chaidh a' mhòr-chuid de na goireasan teagaisg a dhealbhachadh.
Eadar Sultain 2011 agus Faoilleach 2012 fhuair naoi sgoiltean air a' Ghàidhealtachd na bùthan-obrach seo, le timcheall air 250 pàiste uile gu lèir a' gabhail pàirt.
Bha gach seisean a' maireachdainn mu 2 uair a dh'fhad, agus fhuair a' chlann measgachadh de ghèamaichean, tachartasan spòrsail is obair ealain a dh'ionnsaich dhaibh caochladh farsaing de dh'abairtean is briathrachas.
Builean a' Churraicealam airson Sàr-mhathais
- a’ toirt chothroman do sgoilearan tuigse nas fheàrr fhaighinn air cultar na h-Alba agus air an t-saoghal
- ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
- a’ cruthachadh chothroman a bhith a’ tuigsinn Gàidhlig, an cànan agus an cultar, ann am barrachd doimhneachd
_1.jpg)









