Pantomime
Ann an 2009 is 2010, chaidh luchd-obrach Fèisean nan Gàidheal air an rathad leis a' phantomime ùr aca Marsaili agus a' Bhleideag Airgid. Chaidh an dealbh-cluiche ùr seo, a bha mar ath-leasachadh air Cinderalla, a sgrìobhadh le luchd-obrach na buidhne gus cothrom a thoirt do chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig panto fhaicinn sna sgoiltean aca fhein.
Chaidh Marsaili a dhealbhachadh gus freagairt air comasan cànain chloinne ann am foghlam Gàidhlig. Ged nach eil an cànan ro dhoirbh, tha e làn ghnàthsan-cainnte, is fhuair gach sgoil a chunnaic am panto braithrachas ro-làimh ach am biodh cothrom aig tidsearan a dhol thairis air faclan ùra etc leis a' chloinn.
Bha am panto mu uair a thìde a dh'fhad, le ceathrar chleasacihean. Chùm a' bhuidheann na props is airneis stèidse cho simplidh 's a b' urrainn dhaibh ach am biodh e furasta seatadh suas sna tallaichean coimhearsnachd agus tallaichean sgoile gu sgiobalta, agus chaidh a' mhòr-chuid den aodach a dhèanamh leis a' bhuidheann fhèin no le daoine a b' aithne dhaibh.
"Tha mi a' sgrìobhadh a dh'innse cho math 's a chòrd an dràma Gàidhlig 'Marsaili agus a' Bhleideag Airgid' ris an sgoil air fad. Bha e èibhinn, deagh stòiridh agus seinn àlainn. Thuig a' chlann an stòiridh agus bha na h-actairean fìor mhath air a' chlann a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail. Bha a' Ghàidhlig cho soilleir agus furasta tuigsinn. Bha na props sgoinneil cuideachd." (Ceannard Sgoile)
Builean a' Churraicealam airson Sàr-mhathais
- mothachail air cò ris a tha e coltach a bhith an làthair aig tachartas inntinneach agus brosnachail air a lìbhrigeadh le daoine eile
- ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
- a’ leasachadh tuigse air cho beòthail, luachmhor ‘s a tha cultar nan Gàidheal – don chuid mhòir aca ann an sgìre na Gàidhealtachd, an cultar agus an cànan aca fhèin










