Coinneamh Bhliadhnail agus Co-labhairt 2013

Thèid Coinneamh Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal a chumail Dihaoine 27 Sultain 2013 aig 6.15f ann an Bun-sgoil Taobh na Pàirce, ann an Dùn Èideann.  Bidh Dinneir agus Cèilidh ann an dèidh làimh ann an Taigh-òsta Malmaison, le ceòl bho òigridh Fèis Dhùn Èideann.

Bidh Fiona Hyslop BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair agus Cùisean an Taobh a-muigh, air aoigheachd againn oidhche Haoine 27mh.  

Thèid Co-labhairt na buidhne air adhart Disathairne 28 Sultain ann an Taigh-òsta Malmaison nuair a bhios Janet Archer, Ceannard ùr Alba Chruthachail, air aoigheachd againn mar labhraiche sònraichte.  Bidh fiosrachadh gu leòr aig luchd-eagrachaidh nam Fèisean ri fhaotainn agus cothrom ann beachdan a thoirt seachad mun àm ri teachd airson Fèisean nan Gàidheal.

Gheibhear prògram na co-labhairt air taobh deas na duilleig no tron cheangal seo agus gheaibhear na pàipearan air fad airson na coinneimh bhliadhnail an seo.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland