dè a tha ann am fèis?

fèis, -ean, s.f. Feast, gathering, festival.

Thairis air an trichead bliadhna a dh'fhalbh tha am facal air a thighinn gu bhith a’ ciallachadh iomairt nam Fèisean; grunnan fhèisean airson a bhith a’ teagasg nan ealain ann an Gàidhlig, gu h-àraid do dhaoine òg, ‘s a tha nis a’ dol air adhart air feadh Alba.

Is e Fèis cothrom do dhaoine tighinn còmhla gus na sgilean aca sna h-ealain Gàidhlig a leasachadh– òrain, dannsa, dràma, agus ceòl thraidiseanta air iomadh seòrsa ionnstramaid. Tha an teagasg fosgailte do na h-uile agus spòrsail, ach tha e cuideachd proifeiseanta agus èifeachdach. Tha fòcas na h-obrach airson a’ mhòr chuid de Fhèisean air fèis bliadhnail a mhaireas fad seachdain, ach tha barrachd agus barrachd Fhèisean a’ tabhann prògram làn de chlasaichean fad na bliadhna airson an ionnsachaidh a chumail a’ dol.

Thàinig iomairt nam Fèisean gu buil nuair a bha buidheann de phàrantan agus dhaoine eile ann am Bharraigh - Mgr Cailean MacAonghais, an Dtr Aonghas Dòmhanllach, Ceana Chaimbeul agus Iseabail T Dhòmhnalach nam measg - a’ gabhail uallach gu robh na traidiseanan ionadail a’ bàsachadh agus nach robh clann an eilein ag ionnsachadh mu cheòl thraidiseanta trom foghlam foirmeil. Airson dèiligeadh ri seo chaidh a’ chiad Fèis Bharraigh a chumail air an eilean ann an 1981.  Chì sibh bhideo le beagan den eachdraidh aig Fèis Bharraigh an seo, bho phrògram a chaidh a dhèanamh le MnE a' comharrachadh 25 bliadhnaichean den Fhèis. 'S i Mòrag Stiùbhart a tha ga lìbhrigeadh.

Air a bhrosnachadh ri linn ‘s cho soirbheachail ‘s a bha a’ chiad Fhèis seo, stèidhich iomadh coimhearsnachd eile tro Alba air fad, tachartasan coltach ri seo. An-diugh tha 45 dhiubh ann, gach tè air a stiùireadh leis a’ coimhearsnachd agus a rèir feumalachdan ionadail. Tha luchd saor-thoileach fhathast aig cridhe a’ mhòr-chuid de na Fèisean ionadail.

Tha na sgilean a tha air an teagasg aig na Fèisean mar pàirt phrìseil de fhoghlam neo-fhoirmeil dhaoine òga, mar a tha air a dearbhadh leis an ìre de dh’obair saor-thoileach agus de thaic bho phàrantan a tha ann an àitean ionadail. Ach ‘s e an rud as cudromaich gu bheil a’ chlann fhèin a’ cur luach air na tha iad a’ faighinn a-mach às na Fèisean. Aig ire nàiseanta tha na Fèisean air am faicinn mar aon de na tionnsgnaidhean ealain as soirbheachail ann an Alba.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014