Mu ar deidhinn

Bha Fèisean nan Gàidheal air a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean. ‘S e buidheann le ballrachd a th’ ann a tha a’ tairgse iomadh seirbheis a’ gabhail a-steach taic le tabhartasan, trèanadh, àrachas agus iasadan ionnstramaidean. 'S e companaidh earranta a tha ann am Fèisean nan Gàidheal, clàraichte ann an Alba SC130071. ‘S e Buidheann Charthannais Albannaich a th’ ann, àireamh SC002040, maoinichte le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha mu 13,000 duine òg a’ gabhail pàirt gach bliadhna ann an tachartas a tha a' faighinn taic bho Fèisean nan Gàidheal, 6,300 den àireamh sin a’ gabhail pàirt anns na Fèisean fhèin. Tha mu 4,800 a’ gabhail pàirt ann an clasaichean Iomairt Ciùil an Òigridh a bhios Fèisean ionadail a’ cur air dòigh, tro chunnradh le Comhairle na Gàidhealtachd. Tha Fèisean nan Gàidheal a’ leantainn air a’ toirt taic don Chompanaidh Theatar Meanbh-chuileag, a bhios a’ dol timcheall nan sgoiltean le deilbh-chluich a bhios a’ cur cudrom air dualchas agus eachdraidh na Gàidhlig agus bho 'm bi mu 2,000 a’ faighinn buannachd.

Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd an urra ris an fhèis Bhlas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus an Lìonra Adhartachaidhean Ealain, agus tha iad cuideachd a’ toirt taic do dh'Fhèisean a tha a’ cur air adhart Cèilidhean air Chuairt a bhios a' cluich air beulaibh mu 10,000 neach gach bliadhna.

Tha liosta den luchd-obrach ri fhaicinn an seo le na dleasdanasan sònraichte aca.

Tha liosta de bhuill a' Bhùird-stiùiridh a bhios a' riaghladh Fèisean nan Gàidheal ri fhaicinn an seo cuide ri pàipearan a' Bhùird.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland