ceisteachan luchd-teagaisg - gaidhlig
A rèir poileasaidh ùr Fèisean nan Gàidheal tha e riatanach gum bi aig a’ char as lugha comas Gàidhlig bunaiteach aig a h-uile neach-teagaisg a thèid fhastadh le Fèis sam bith bhon t-Sultain 2012 air adhart. Bheir an ceisteachan seo cothrom do dh'Fhèisean nan Gàidheal cunntas pearsanta agus plana trèanaidh a chruthachadh do gach neach-teagaisg, far a bheil seo a dhìth. Cha tèid fiosrachadh sam bith a bheirear seachad a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile.
Gheibhear an ceisteachan an seo agus bhitheamaid uabhasach toilichte nam b’ urrainn dhuibh còig mionaidean a chur seachad ga lìonadh a-steach air-loidhne.
Ma tha ceist sam bith agaibh mun phoileasaidh, no mun cheisteachan, cuiribh fios thugam fhìn (arthur@feisean.org no 01478 614002) no gu Calum Ailig Mac a’ Mhaoilean (calum@feisean.org no 01463 225559).








