obraichean
Dithis Oifigear Leasachaidh (sealach - fòrladh màthaireil)
Thathar a' sireadh dithis oifigear làn-ùine (sealach) airson taic a chumail ris na Fèisean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar, agus airson leasachaidhean, a-rèir miann nam Fèisean, a chur air adhart anns na sgìrean ainmichte.
Bidh aonan stèidhichte anns na h-Eileanan Siar airson co-dhiù 3 mìosan le cothrom cùmhnant a leudachadh gu mìosail an dèidh na h-ùine sin. Bidh an neach eile stèidhichte ann an Inbhir Nis airson co-dhiù 6 mìosan le cothrom cùmhnant a leudachadh gu mìosail an dèidh na h-ùine sin.
Barrachd fiosrachaidh san t-sanas seo agus dealbh-obrach an seo. Tha foirm-iarrtais cosnaidh, ann an cruth Word, air taobh deas na duilleig.
Ceann-latha airson tagraidhean: Diluain 4mh Gearran 2013 aig 5f
----------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------
Oifigear Leasachaidh Fèisean a' Mhonaidh Ruaidh
Tha Fèisean a’ Mhonaidh Ruaidh a' sireadh neach a ghabhas dreuchd ùr inntinneach os làimh airson planaichean leasachaidh Fèisean a’ Mhonaidh Ruaidh a chur an gnìomh.
Bu chòir tagraidhean a bhith air an cur ro 5f, Dihaoine 1 Gearran 2013, gu:
Màiri NicDhonnchaidh
Lairig View
Drochaid Charra
PH23 3AX
Barrachd fiosrachaidh san t-sanas seo agus dealbh-obrach an seo le foirm-iarrtais cosnaidh, ann an cruth Word, air taobh deas na duilleig.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Fèisean a' Mhonaidh Ruaidh an seo.








