poileasaidhean

Air cliathaich na duilleig seo, gheibhear gach sgrìobhainn poileasaidh againn airson leigeil a-nuas. Tha na poileasaidhean againn air an aontachadh leis a' Bhòrd-stiùiridh gach bliadhna, ach tha iad fo sgrùdadh leantainneach. Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh nam poileasaidhean no beachdan air na th' againn an seo nach leig sibh fios thugainn.

Tha Fèisean nan Gàidheal a' brosnachadh chothroman co-ionnanachd anns gach suidheachadh is tha seo air a mhìneachadh anns na Poileasaidhean airson Co-ionnanachd Chothroman is Cunntas Poileasaidh agus Poileasaidh airson So-ruigsinneachd.

Tha e na amas cudromach aig Fèisean nan Gàidheal gum biodh tachartasan na buidhne agus nam Fèisean fosgailte do gach neach. Ma tha fiosrachadh a dhìth air neach no Fèis sam bith cuiribh fios dhan Oifigear Trèanaidh is Poileasaidh againn - Iona NicDhòmhnaill - a bheireadh dhuibh stiùir agus còmhairle mu na ghabhas dèanadh gus feumalachdan gach neach a ruighinn agus mun taic a tha ri fhaotainn airson seo a thoirt gu buil.

Gheibhear taisbeanadh mu toirt a-steach daoine le feumalachdan sònraichte an seo.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland