Ealain Ghàidhlig, Cultar agus Dualchas

Tha mòran dhaoine air an tarraing gu ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig tro bhith a’ dol an sàs ann an diofar raointean de shaoghal nan ealan Gàidhlig bho cheòl, òrain agus dannsa gu dràma agus litreachas. Tha prògraman rèidio agus telebhisein gan tarraing cuideachd, cho math ri ceanglaichean eachdraidheil agus dùthchasach.

Tha na h-ealain Ghàidhlig nas tarraingiche na bha iad riamh agus tha luchd-ciùil agus seinneadairean à saoghal na Gàidhlig a-nis am measg feadhainn a tha a’ togail dhuaisean nàiseanta uair is uair.

Tha grunn fhèisean agus tachartasan eile ann an saoghal ealain na h-Alba a tha tarraingeach agus a’ toirt taic do luchd-ealain na Gàidhlig, leithid Blas, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Fèis Cheilteach Innse Gall sna h-Eileanan Siar, Fèis Dhùn Èideann, Piping Live agus Celtic Connections ann an Glaschu.

Tha Fèisean nan Gàidheal ag adhartachadh agus a’ leasachadh còrr agus 40 fèis a’ teagasg ealain Ghàidhlig stèidhichte sa choimhearsnachd tron bhliadhna air feadh Alba agus tha leasachaidhean ann an dràma Gàidhlig mar phàirt de obair na buidhne. Tha Pròiseact nan Ealan air leasachaidhean mòra ann an saoghal nan ealan Gàidhlig a thoirt gu buil, pròiseactan agus taisbeanaidhean air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig agus air feadh an t-saoghail, leithid Opera Hiort, Leabhar Mòr na Gàidhlig agus iomadh tachartas eile.

Agus tha na Comuinn Eachdraidh a’ toirt cothrom do dhaoine barrachd ionnsachadh mu na cleachdaidhean a bha, agus a tha aig na Gàidheil agus mun dualchas às an tàinig iad.

Faclan feumail

Ceòl Music
Òran Song
Port/ Sreath phort Tune/ Selection of tunes
Seinneadair Singer
A’ gabhail òran Singing a song
Cuirm Concert
Cèilidh Gathering
Fèis Festival
Fidheall Fiddle
A’ cluich na fìdhle Playing the fiddle
Fìdhlear Fiddler
Clàrsach Small Scottish Harp
A’ cluich na clàrsaich Playing the harp
Clàrsair Harper
Pìob Bagpipe
A’ seinn na pìoba Playing the pipes
Pìobaire Piper
Neach-ciùil/ Luchd-ciùil Musician/Musicians
Còmhlan Band
Dealbh Picture, photograph
Neach-ealain Artist
Leabhar Book
Sgrìobhadair/Bàrd Writer/Poet
Dualchas Heritage
Eachdraidh History
Comunn Eachdraidh History Society
Cha phàigh taing am fìdhlear Thanks alone will not pay the fiddler
Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland