Foghlam Tràth-bhliadhnaichean agus Sgoile

Tha e a cheart cho fìor an-diugh ’s a bha e riamh gur e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach. Agus le sin, mar as òige a tha neach ag ionnsachadh cànan, ’s ann as dualtaiche gun togar cànan gu h-èifeachdach.  

Chì sibh bhideo - Fios is Freagairt - le tòrr fiosrachaidh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, air a chur ri chèile le Comann nam Pàrant (Nàiseanta), an seo.

Tha foghlam na Gàidhlig a-nis ri fhaighinn bhon chròileagan chun an oilthigh agus, gu dearbh, tro ionnsachadh fad-beatha. Tha foghlam Gàidhlig ri fhaighinn ann am faisg air leth de na h-ùghdarrasan ionadail ann an Alba. Tha barrachd chothroman ann na bh’ ann riamh deagh fhoghlam fhaighinn tron Ghàidhlig aig a h-uile ìre.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland