Ionnsachadh Inbheach
Tha grunn dhòighean ùra ann Gàidhlig ionnsachadh agus ’s e fear de na dòighean as soirbheachaile, Ùlpan. Tha cùrsaichean air an dealbh a’ cleachdadh an t-siostaim Ùlpan agus dòighean-teagaisg cànain eile. Gabhaidh na cùrsaichean a lìbhrigeadh le fileantaich a gheibh trèanadh air feadh na dùthcha.
Chan eil teagamh nach e an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh a bhith am measg sluagh no coimhearsnachd Ghàidhlig agus dòigh a lorg air a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalach.
Tha na buannachdan an lùib dà-chànanas a-nis dearbhte agus tha cothroman ùra a’ nochdadh fad na h-ùine a’ Ghàidhlig a chur gu feum ann an saoghal an latha an-diugh, biodh sin eadar cothroman-cosnaidh agus cur-seachad.
Faclan feumail
| Gàidhlig | Gaelic |
|
| Ag ionnsachadh na Gàidhlig | Learning Gaelic |
|
| Sgoil | School |
|
| Bun-sgoil | Primary School |
|
| Àrd-sgoil | Secondary School |
|
| A’ dol don sgoil | Going to school |
|
| Tha mi anns an sgoil | I am in school |
|
| Tha an sgoil math | The school is good |
|
| Neach-teagaisg/Tidsear | Teacher |
|
| Cuspair | Subject |
|
| Sgoil mhòr/Sgoil bheag | Big school/Small school |
|
| Sgoil Ghàidhlig | Gaelic School |
|
| Colaiste | College |
|
| Tha mi sa cholaiste | I am in college |
|
| Oilthigh | University |
|
| Tha mi aig an oilthigh | I am at university |
|
| Tha mi nam oileanach | I am a student |
|
| Tha mi ag ionnsachadh | I am learning |
|
| Bidh mi a’ dol gu clas Gàidhlig | I go to a Gaelic class |
|
| Is toil leam a bhith a’ bruidhinn | I enjoy speaking |
|
| Èist rium | Listen to me |
|
| Tha leughadh a’ còrdadh rium | I enjoy reading |
|
| Tha mi a’ tuigsinn | I understand |
|
| Chan eil mi gad thuigsinn | I don’t understand you |
|
| Can a-rithist e | Say it again |
|
| A’ bruidhinn a-mach | Speaking out |
|
| ’S e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach | Early learning is beautiful learning |
|








