Pròiseact nan Tasglann

Mu Phròiseact nan Tasglann
Eadar 2008 agus 2011, le taic bho Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta chuir Fèisean nan Gàidheal Pròiseact nan Tasglann air dòigh a thug cothrom do dhaoine òga, a bha a’ gabhail pàirt anns na Fèisean, ceòl, òrain agus sgeulachdan ionadail a chlàradh anns na coimhearsnachdan aca fhèin. ’S e cothrom air leth a bha seo do na Fèisean an dualchas ionadail aca fhèin a ghlèidheadh agus àrdachadh agus do chom-pàirtichean barrachd ionnsachadh mu chultar agus traidiseanan nan sgìrean aca fhèin. Cuideachd, thug e cothrom do chom-pàirtichean sgilean ùra sònraichte ionnsachadh anns na seiseanan trèanaidh a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh dhaibh.
Fèisean a ghabh pàirt ann am Pròiseact nan Tasglann:
Faodaidh sibh leabharan bho gach Fèis a leigeil a-nuas air taobh deas na duilleig seo agus cluinnidh sibh cuid de na clàraidhean a chaidh a thogail gu h-ìseal.








