poileasaidh gàidhlig: ceistean

Fèisean nan Gàidheal
Ceistean bitheanta mun Phoileasaidh Gàidhlig


1. Carson a tha Poileasaidh Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal?
Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe obair nam Fèisean agus tha pàirt den taic-airgid a gheibh sinn air a thoirt seachad mu choinneimh leasachadh na Gàidhlig. Tha feum air Poileasaidh Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi fios aig gach neach fa leth is buidheann a tha an sàs ann an obair Fèisean nan Gàidheal cho cudromach agus a tha cleachdadh na Gàidhlig anns gach pàirt der n-obair, agus sin a’ gabhail a-staigh na Fèisean, agus an luchd-teagaisg a bhios a’ teagasg aca. Bheir Fèisean nan Gàidheal comhairle is taic do dh’Fhèisean a thaobh mar a bu chòir dhaibh am Poileasaidh a choileanadh, ach bu chòir cuimhneachadh gu bheil am Poileasaidh seo a’ buntainn ri gach meur der n-obair, a’ gabhail a-staigh Fèisean, clasaichean air an ruith leis na Fèisean agus obair co-cheangailte ri Iomairt Ciùil na h-Òigridh sna sgoiltean. Gheibhear am poileasaidh aig làmh dheas na duilleig seo, cho math ri goireas le faclan agus abairtean.

2. Carson a tha e cudromach gun tig piseach air cleachdadh na Gàidhlig aig na Fèisean?
Bha taic làidir dhan Ghàidhlig riamh na bun-stèidh do dh’iomairt nam Fèisean agus chan eil sinn ag iarraidh gun caill sinn sin on as i a’ Ghàidhlig a tha a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar na Fèisean agus prògraman oideachaidh eile airson ceòl traidiseanta.

Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig ùr airson 2012-2017 a’ cur cuideam air a bhith leudachadh nan cothroman gus Gàidhlig a chleachdadh agus a’ leudachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha còrr is 20,000 duine òg is inbheach bho air feadh na dùthcha an sàs sa phrògram obrach aig FnG gach bliadhna agus sin a’ ciallachadh gun urrainn dhuinne cuideachadh ann an dòighean gu math sònraichte le bhith coileanadh cuid de na h-amasan aig Riaghaltas na h-Alba is Bòrd na Gàidhlig sa Phlana. Thèid aig FnG cur gu mòr ris an iomairt gus an àireamh luchd-labhairt a leudachadh le bhith trèanadh luchd-teagaisg ann an Gàidhlig – agus iadsan a’ gabhail nan clasaichean – gus am bi e comasach dhaibh barrachd Gàidhlig a chleachdadh agus iad a’ teagasg na h-òigridh.

3. Dè thachras mura cuir Fèis am Poileasaidh Gàidhlig an gnìomh?
Bidh an aon inbhe aig a’ Phoileasaidh Ghàidhlig agus a th’ aig poileasaidhean eile againn agus feumar a chur an gnìomh. Dìreach mar nach fhaodadh Fèis gun bhith a’ toirt an aire dha ar Poileasaidhean airson Dìon Chloinne is Feumalachdan Taice a Bharrachd, bhite a’ bristeadh chumhachan maoineachaidh mura tugte an aire dha ar Poileasaidh Gàidhlig agus ma dh’fhaodte gun deigheadh maoineachadh a chumail air ais agus gum biodh cunnart ann nach fhaighte maoineachadh san àm ri teachd.

Ge-tà, tha sinn ag iarraidh obair còmhla ri Fèisean feuch am bi e furasta dhaibh am Poileasaidh seo a choileanadh agus ’s e an dòigh as fhasa dhaibh sin a dhèanamh luchd-teagaisg fhastadh a tha an dà chuid fileanta sa Ghàidhlig, no a’ dèanamh oidhirp an cànan ionnsachadh. Chan eil sinn an dùil Fèisean a pheanasachadh sa chiad dol-a-mach, thoradh bheir e ùine am Poileasaidh seo a chur an gnìomh, ach thathar an dùil gun gabh gach Fèis ris agus gun coilean iad am Poileasaidh, agus gheibh iad comhairle is taic gus sin a dhèanamh. Cumaidh sinn sùil air cur an gnìomh a’ phoileasaidh agus ’s iad na Fèisean nach eil a’ dèanamh oidhirp ghnìomhach gus a choileanadh mar as trice a bhios a’ bristeadh a’ Phoileasaidh agus nan cumhachan maoineachaidh.

4. Dè na dleastanasan a th’ aig Fèisean nan Gàidheal ann a bhith a’ lìbhrigeadh oideachadh Gàidhlig do luchd-teagaisg?
Rinn Fèisean nan Gàidheal rannsachadh air comasan Gàidhlig luchd-teagaisg nam Fèisean. Bho thoraidhean an rannsachaidh sin, fhuair sin dealbh nas fheàrr air na comasan Gàidhlig aca.

Sgrìobh sinn chun a h-uile neach-teagaisg san stòr-dàta againn ag iarraidh orra beachdachadh air diofar chùrsaichean is bùthan-obrach a tha freagarrach do na comasan eadar-dhealaichte aca agus am fear as freagarraiche do na comasan aca a roghnachadh. Cuideachd fhuair sinn beagan maoineachaidh leis an urrainn dhuinn taic-airgid a thabhann dhaibh tro sgeama thabhartasan airson na feadhna a tha a’ faighinn oideachadh ann an Gàidhlig.

5. Dè na dleastanasan a th’ aig Fèisean ann a bhith a’ lìbhrigeadh oideachadh Gàidhlig do luchd-teagaisg?
Chan eil sinn an dùil gun cuir Fèisean cothroman oideachaidh air dòigh do luchd-teagaisg; ’s ann an urra ri Fèisean nan Gàidheal is an luchd-teagaisg a tha sin.

Tha sinn an dùil gun toir Fèisean ainmean an luchd-teagaisg dhuinn co-dhiù mìos mus tachair an Fhèis aca. Nì sin cinnteach gum bi dearbhadh pearsanta dligheach aca agus gu bheil iad air oideachadh fhaighinn, no a’ faighinn oideachadh, ann an Gàidhlig gus am bi comas bunaiteach aca sa chànan mura h-eil iad siùbhlach innte a-cheana. Mura h-eil iad air oideachadh Gàidhlig fhaighinn, nì FnG nas urrainn dhuinn gus dèanamh cinnteach gu bheil iad uidheamaichte gus teagasg aig na Fèisean.

6. Dè dh’fheumas luchd-teagaisg a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil comas bunaiteach aca sa Ghàidhlig?
Feumaidh luchd-teagaisg coimhead air gach roghainn a th’ aca gus Gàidhlig ionnsachadh agus an tè a tha iomchaidh dhaibhsan a roghnachadh. Feumaidh iad innse do FnG mun adhartas aca gus an tèid a chlàradh san stòr-dàta againn.

7. Dè th’ ann an ‘comas bunaiteach’ sa Ghàidhlig?
Tha FnG den bheachd gu bheil ‘comas bunaiteach’ a’ ciallachadh:
• Faclan is abairtean bunaiteach a chleachdar gus fàilte a chur air sgoilearan gu clas
• Faclan is abairtean a chleachdar gus daoine a chur an aithne a chèile nuair a tha iad a’ coinneachadh
• Beagan fhaclan is abairtean a ghabhas a chleachdadh ann an teagasg, mar ‘a’ cunntadh a-steach’ agus ‘cluich no seinn sin a-rithist’ is mar sin air adhart, agus an comas ainmean òrain is puirt Ghàidhlig fhuaimneachadh gun a bhith a’ cleachdadh eadar-theangachadh Beurla
• An comas pìosan ciùil a chur an aithne luchd-èisteachd no clas ann an dòigh shìmplidh
• Eòlas coitcheann air cor na Gàidhlig ann an Alba agus cho cudromach agus a tha i do na Fèisean.

Ged a tha comasan cudromach, ’s e as cudromaiche gun cleachd daoine an cànan. Tha sinn an dòchas gun coimhead luchd-teagaisg air cur an gnìomh a’ Phoileasaidh seo mar chothrom airson beagan spòrs, agus cothrom piseach a thoirt air na sgilean aca aig an aon àm. Tha sinn a’ mothachadh dha mar nach eil Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid den chloinn a tha a’ dol gu Fèisean, agus nach eil iad ann am foghlam Gàidhlig. Chan eil Fèisean ann airson Gàidhlig a theagasg do chloinn, ach tha fhios againn gu bheil e a’ còrdadh ri clann a bhith a’ cluinntinn is ag ionnsachadh Gàidhlig an lùib beagan spòrs agus gur ann nas fheàrr a tha na Fèisean a’ còrdadh riutha mar thoradh air.

8. Dè thachras ma tha sinn ag iarraidh neach-teagaisg a chleachdadh nach d’fhuair oideachadh?
Ma tha Fèisean ag iarraidh luchd-teagaisg a chleachdadh aig nach eil Gàidhlig feumaidh iad innse dhuinn cho luath ’s as urrainn agus co-dhiù mìos ron Fhèis aca. Nì sinn cinnteach an uair sin gum faigh an luchd-teagaisg sin comhairle is taic gus am faigh iad comas sa Ghàidhlig a cheadaicheas dhaibh a bhith a’ teagasg aig an Fhèis.

Ma dh’fheumar iarraidh air neach-teagaisg a thighinn a-staigh aig a’ mhionaid mu dheireadh, mar eisimpleir gum b’ fheudar do neach-teagaisg eile tarraing a-mach no tha neach-teagaisg eile a dhìth air sgàth àireamhan òigridh, tha sinn an dùil gun dèan Fèisean an dìcheall gus neach-teagaisg a lorg le comas sa Ghàidhlig. Mura gabh sin a dhèanamh, tha sinn an dùil gun innis Fèisean dhuinn mun t-suidheachadh agus cuidichidh sinn le bhith a’ lorg luchd-teagaisg iomchaidh a thèid nan àite.

9. Dè thachras nuair nach eil ùidh aig an neach-teagaisg ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig?
Mura h-eil ùidh aig neach-teagaisg ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig chan urrainn dhaibh teagasg aig Fèis. Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe obair nam Fèisean agus feumaidh sinn a-nis gluasad bho bhith a’ cur a’ chànain air adhart gu bhith ga cleachdadh. Tha luchd-teagaisg a’ faighinn pàigheadh airson teagasg aig na Fèisean. Agus tha pàirt den airgead a gheibh na Fèisean a’ tighinn bho luchd-maoineachaidh a tha ag iarraidh air FnG Gàidhlig a chur air adhart agus a chleachdadh. Bu chòir gun smaoinich luchd-teagaisg air a’ Ghàidhlig mar sgil riatanach leis an urrainn dhaibh obair fhaighinn aig na Fèisean.

10. Nach e leth-bhreith a th’ ann a bhith a’ fastadh dìreach daoine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig?
Chan e. Tha beachd laghail ann a tha ag ràdh nuair a tha comas sa Ghàidhlig riatanach gus amasan an luchd-fhastaidh a choileanadh, nach eil e mì-laghail no a’ dèanamh leth-bhreith a bhith a’ fastadh dìreach daoine leis a’ chomas sin. Cha b’ urrainn dhut cuideigin fhastadh gun an trèanadh ceart gus teagasg ann an sgoil. Feumaidh trèanadh a bhith aig tidsear Gàidhlig gus a bhith ag obair ann an clasaichean Gàidhlig ann an sgoil. B’ iad bun-amasan FnG riamh a bhith a’ cur air adhart agus a’ leasachadh cànan, ceòl is dualchas nan Gàidheal. Mar bhuidhinn tha sinn den bheachd gur e an dòigh as fheàrr an fheallsanachd seo thoirt gu buil, gum feum a h-uile neach – air am pàigheadh no saor-thoileach – co-dhiù beagan den chànan ionnsachadh. Ach tha seo gu sònraichte cudromach nuair a thig e gu clasaichean agus an luchd-teagaisg a tha gan gabhail.

11. Chan eil ùine agam Gàidhlig ionnsachadh seach gu bheil mi cho trang a’ teagasg. Dè nì mi?
Tha grunn math roghainnean ann a tha sùbailte gus Gàidhlig ionnsachadh, a’ gabhail a-staigh clasaichean aig diofar amannan air feadh an latha, air an oidhche agus aig an deireadh-sheachdain. Bidh FnG cuideachd a’ ruith làithean Gàidhlig ann an diofar sgìrean air feadh na h-Alba, agus thathar an dòchas gun ruig sinn air gach duine a tha feumach air oideachadh tro na diofar chothroman. Chan eil sinn ag iarraidh air luchd-teagaisg an ùine obrach aca, a tha prìseil, a chaitheamh gus Gàidhlig ionnsachadh, agus bhitheamaid ro thoilichte taic-airgid a thoirt don fheadhainn a tha feumach air taic. Ach tha sinn den bheachd gum bu chòir do luchd-teagaisg smaoineachadh air a’ chothrom a bheir oideachadh sa Ghàidhlig dhaibh gus cur ris na sgilean a th’ aca agus air nas urrainn dhaibh cosnadh air a sgàth, agus gu dearbh air an obair a gheibh iad bho Fhèisean is FnG.

12. Tha Gàidhlig agam mu thràth. Am feum mi dad a dhèanamh?
Chan fheum daoine a tha fileanta sa Ghàidhlig oideachadh fhaighinn, ach ma dh’fhaodte gum bu thoil leotha a’ cheist a chur, a bheil am briathrachas co-cheangailte ri diofar ionnstramaidean ciùil is seinn aca, agus mura h-eil, ciamar a b’ urrainn dhaibh sin ionnsachadh.

13. Chan eil a’ chomataidh againn ag aontachadh leis a’ Phoileasaidh Ghàidhlig. Am faod sinn bruidhinn ri cuideigin mu dheidhinn?
Bu chòir dhuibh bruidhinn ris an Oifigear Leasachaidh agaibh sa chiad dol-a-mach. Chaidh am poileasaidh a chruthachadh às dèidh co-chomhairle le riochdairean bho gach buidheann iomchaidh agus fhuair e aonta bho Bhòrd Stiùiridh FnG ann an 2009. Thèid sùil às ùr a thoirt air ann an 2012-13 nuair a tha dùil ann gun tèid a neartachadh a-rithist.

14. Mar neach-teagaisg chan eil mi ag aontachadh leis a’ Phoileasaidh. Cò ris am bu chòir dhomh bruidhinn mu dheidhinn?
Bu chòir dhut bruidhinn ri Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein, Manaidsear Leasachaidh FnG, air 01463 225454 (calum@feisean.org) no Art MacCarmaig, Stiùiriche FnG, air 01478 613355 (arthur@feisean.org).

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014

Warning: mysql_free_result(): 4 is not a valid MySQL result resource in /home/feisean/public_html/ga/proiseactan/index.php on line 261