An Taigh Òran agus Òrain Ùra

An Taigh Òran

'S e pròiseact a th' anns An Taigh Òran a chuir Fèisean nan Gàdheal air dòigh ann an co-bhonn ri Stòras Watercolour.  Bha cothrom aig daoine, le ùidh ann an sgròbhadh òrain, beagan spionnaidh fhaighinn a' cur seachad ùine ann an Stiùidio Clàraidh Watercolour far an d' fhuair iad comhairle bho eòlaichean mu òrain a sgrìobhadh agus gleans a chur air na fuinn 's na briathran aca.  

Anns an sgioba bha Mairi Anna NicUalraig, Nick Turner, Norrie ‘Tago’ MacÌomhair, Alasdair MacIlleBhàin agus Findlay Napier agus tha toradh na h-obrach ri fhaicinn an seo.  Chìthear bhideo a chaidh a dhèanamh le na compàirteachan agus luchd-teagaisg an seo.  Cluinnidh sibh na h-òrain a chaidh an clàradh gu h-ìseal.

Tha sinn gu mòr an comain Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig agus Stòras Watercolour airson taic leis a' phròiseact seo.

Cothroman Eile

A bharrachd air An Taigh Òran tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith a' cumail taic ri sgrìobhadh òrain ùra ann an Gàidhlig tro phròiseactean eile:

Thug Blas an cothrom do Bhlair Dùbhghlas An Aifreann Ghàidhlig aige a thoirt gu buil ann an 2009 agus bhon uair son chaidh i air adhart aig Celtic Connections agus chuir BBC Radio nan Gàidheal prògram a-mach aig àm na Càisg 2010 leis a' phìos sònraichte seo.

Chùm sinn taic ri Raonaid Walker a sgrìobh òran ùr airson pàirt a ghabhail anns a' cho-fharpais Liet ann an 2010 agus chìthear bhideo de Raonaid agus a h-òrain Fada Bhuam an seo.

Chuir Eilidh NicChoinnich òrain ùr ri chèile airson coimisean Blas ann an 2010 nuair a chaidh Saoghal Sona a chuir air an àrd-ùrlar.  A bharrachd air cuairt aig àm na fèise, fhuair Eilidh cothrom Saoghal Sona a chur air adhart a-rithist aig Celtic Connections ann an 2011.  Bha prògram le na h-òrain a chraobh-sgaoileadh le BBC Radio nan Gàidheal aig àm na Nollaig 2010 agus tha fear de na h-òrain a' nochdadh anns an fhilm Graders.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland

Warning: mysql_free_result(): 4 is not a valid MySQL result resource in /home/feisean/public_html/ga/proiseactan/index.php on line 261