còig latha

Gnìomhan Gàidhealach le Fèisean nan Gàidheal

Bidh Fèisean nan Gàidheal a' cumail 5 Latha a-rithist am bliadhna aig Na Gearrannan, Eilean Leòdhais eadar 8-13 Giblean 2013.

Gheibh suas ri sia-deug com-pàirtiche, aois àrd-sgoile, a tha fileanta sa Ghàidhlig an cothrom còig latha a chuir seachad ann an coimhearsnachd Gàidhlig far a bheil obair chroitearachd, iasgach agus an Clò Hearach na phàirt mhòr de bheatha muinntir na sgìre.

Gach latha bidh com-pàirtichean a’ tadhail air daoine aig a bheil sàr eòlas air an obair aca ‘s gheibh iad an cothrom ionnsachadh mu na diofar ghnìomhan a tha an sàs annda, bho chaoraich aig àm breith nan uan, buain na mònadh, ag iasgach aig mùir, trusadh maorach gu an Clò Mòr bho snàth gu seacaid.

Bidh com-pàirtichean cuideachd ag ionnsachadh beagan mu bhith a’ còcaireachd diofar seòrsaichean bìdh traidiseanta, ag ionnsachadh bho dhaoine gu h-ionadail.

Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a’ tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig cuideachd, nam measg am fidhlear ainmeil Iain MacPhàrlain (Blazin Fiddles) agus an seinneadar Gàidhlig Norrie MacÌomhair (Mànran).

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Calum Ailig MacMhaolain air 01463 225559 no calum@feisean.org. Tha foirmichean iarrtais ri fhaighinn aig oir na duilleige.  Chìthear bhideo ghoirid a chaidh a dhèanamh aig 5 Latha 2012 an seo.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland

Warning: mysql_free_result(): 4 is not a valid MySQL result resource in /home/feisean/public_html/ga/proiseactan/index.php on line 260