iomairtean gàidhlig

Tha Fèisean nan Gàidheal toilichte co-obrachadh le Comunn na Gàidhlig agus buidhnean eile airson Iomairtean Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an grunn sgìrean.  Tha seo mar phàirt de phròiseact air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig airson cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh aig ìre nan coimhearsnachdan.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu sgìrean nan Iomairtean an seo.

Gach Dimàirt, bidh Fèisean nan Gàidheal a' fosgladh na h-oifis ann am Port Rìgh gu duine sam bith a bhios ag iarraidh uair a chur seachad a' bruidhinn air cuspair sam bith sa Ghàidhlig.  Bidh "Cofaidh agus Còmhradh" a' ruith eadar 1 agus 2f agus bidh fàilte mhòr ro dhuine sam bith ge brìgh dè an ìre de Ghàidhlig a th' aca.  Gheibhear fiosrachadh le bhith a' toirt a-nuas am bileag fiosrachaidh an seo.

Tha Fèisean nan Gàidheal air taic a thoirt le iomadh pròiseact, nam measg Meanbh-Fhèis ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus taic le clò-bhualadh irisean air an sgrìobhadh leis na sgoilearan.  Faodaidh sibh An Dàrna Làr, Brag, Sin agad e! agus OK Mata! a lorg air làmh dheas na duilleige.  Chithear bhideo a chaidh a dhèanamh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh an seo.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014

Warning: mysql_free_result(): 4 is not a valid MySQL result resource in /home/feisean/public_html/ga/proiseactan/index.php on line 261