Cuairt nam Bàrd/Turas na bhFilí

Tha Cuairt nam Bàrd air a bhith ruith fad ùine mhòr a-nis, eadar Alba agus Èirinn.   Chaidh a stèidheachadh le Comhdháil Náisiúnta na Gaeilge le com-pàirteachas agus co-obrachadh bho dhiofar bhuidhnean Albannach thar na bliadhnaichean.  ‘S e cruth na cuairt gum bi dà bhàrd, neach-ciùil, agus seinnadar seann-nòs anns gach sgioba nuair a thèid na h-Albannaich a dh’ Èirinn agus nuar a thig na h-Èireannaich a dh’ Alba.  Mar phàirt dhen iomlaid, bidh an sgioba a’ measgachadh le muinntir an àite anns na sgìrean eadar-dhealaichte thar na dùthcha, agus a’ gabhail pàirt ann an tachartasan sgoile, òraidean, cuirmean agus tachartasan cultarach eile.

Bidh Cuairt nam Bàrd a’ neartachadh na ceanglaichean a tha eadar Gaidheil na h-Albainn agus Gàidheil na h-Èirinn, agus a bhith a’ cumail conaltradh eadar an dà choimhearsnachd.  Tha cothrom aca eòlas a chur air cultar nan Gàidheal eile, cànan agus ceòl, agus a bhith a’ sgrùdadh dùthchas agus dualchas a chèile.

Am bliadhna, tha na h-Albannaich gu bhith ann an Èirinn 's a' Ghiblin, far am bi iad ann am Maigh-Eo agus Baile Atha Cliath.  Bidh Meg Bateman agus Gillebrìde MacIllemhaoil ann mar bhàird, agus Sìneag Nic an t-Saoir agus Ailean MacEanraig mar luchd-ciùil.  Faic http://www.gaelport.com/fili airson barrachd fiosrachadh mun phrògram.

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland

Warning: mysql_free_result(): 4 is not a valid MySQL result resource in /home/feisean/public_html/ga/proiseactan/index.php on line 260