trèanadh

Trèanadh bho Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic do phlana trèanaidh airson luchd-obrach, luchd-oideachaidh, luchd-rianachd agus luchd-saor-thoileach. Tha am plana seo, anns a bheil raon de chùrsaichean a bhios a’ ruith aon no dà là, no cùrsaichean nas fhaide a bhios air an solar le companaidhean bhon taobh a-muigh airson am faighear taic-airgid, a’ brosnachadh leasachadh proifeiseanta leantainneach agus tha e cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh staid proifeiseanta de sgioba a tha gu ìre mhòr saor-thoileach tron bhallrachd air fad. 

Cùrsaichean Gàidhlig 2012-13
Mar phàirt dhen phrògram leasachadh luchd-obrach tha Fèisean nan Gaidheal, le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, a’ fosgladh nan clasaichean Gàidhlig in-taighe aca do luchd-obrach nam buidhnean Gàidhlig eile.

Bidh na clasaichean seo a’ cosg £30 do dhaoine taobh a-muigh nam Fèisean, agus bhiodh sin a’ toirt a-steach tì, cofaidh, agus biadh meadhan-latha.

Bidh na clasaichean seo a’ ruith am-bliadhna:

14 Màrt 2013 @ 10.30m gu 3.30f ann am Port Rìgh
Ìrean: Eadar-meadhanach, Fileanta

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho Iona air 01478 614001, no le post-d gu iona@feisean.org.

Trèanadh do luchd-teagaisg

Cùrsa dà-latha do Luchd-teagaisg nam Fèisean

Sgilean teagaisg, dìon-chloinne, sgilean practaigeach aig 3 ìrean

Càite: Sabhal Mòr Ostaig

Cuin: 23/24 An Gearran 2013

Uair - Disathairne 10.30m - Didòmhnaich 4f (le cuid-oidhche Disathairne)

Prìs: £70 uile gu lèir.

Gheibhear foirm-clàraidh an seo

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandYear of Natural Scotland

Warning: mysql_free_result(): 4 is not a valid MySQL result resource in /home/feisean/public_html/ga/proiseactan/index.php on line 260