dràma
Fèis Dhràma Earra-Ghàidheal is Loch Abar
Bidh bun-sgoiltean Gàidhlig bho air feadh Earra-Ghàidheal is Loch Abar a' tighinn còmhla ann an Tallaichean a' Chorrain san Òban aig 11.30m, Diciadain 27 Màrt, airson tàlantan cleasachd an cuid sgoilearan fhoillseachadh. Mar phàirt de dh'ochdamh Fèis Dràma Earra-Ghàidheal is Loch Abar, bidh clann bun-sgoile de gach aois a' taisbeanadh taghadh farsaing de dhealbhan-cluiche, a' dèiligeadh ri cuspairean eadar-dhealaichte - bainnsean, na h-Èiphitich, Eilthireachd agus luchd-turais bho phlanaidean eile nam measg.
Thuirt Dougie Beck, Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, a tha air a bhith a' lìbhrigeadh tòrr de bhùthan-obrach deasachaidh na Fèise: "Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith a' ruith a' phròiseict seo bho 2006, agus tha sinn air leth toilichte gu bheil uiread sgoiltean air bòrd a-rithist. Tha còrr is 100 sgoilear ann an 6 sgoiltean a' gabhail pàirt am-bliadhna, cuid aca a tha air a bhith an sàs anns a' phròiseact fad na beatha-sgoile aca, agus tha e glè fhollaiseach gu bheil iad air buannachd fhaighinn às. Ann an cuid mhath de sgoiltean, 's iad na sgoilearan fhèin a tha air na dealbhan-cluiche a chur ri chèile, a rannsachadh is a sgrìobhadh. Tha seo a' ciallachadh gum bi iad a' togail tòrr sgilean le bhith an sàs anns an Fhèis."
Ged nach e co-fharpais a tha san Fhèis, bidh pannal de dh'eòlaichean an làthair aig an latha taisbeanaidh ann an Tallaichean a' Chorrain, 's iad a' breithneachadh air na dealbhan-cluiche, is a' toirt seachad comhairle ann an dòigh aotram càirdeil. Thuirt Dougie Beck: "Thug sinn a-staigh am pannal seo a' leantainn air iarrtas bho sgoiltean; ged nach eil sinn idir airson co-fharpais a chumail, tha sinn a' faireachdainn gu bhel e cudromach gum faigh sgoiltean beachdan air na dealbhan-cluiche aca. Bidh sgoilearan, tidsearan agus pàrantan a' cur seachad tòrr ùine air na dealbhan-cluiche seo, is tha sinn toilichte gum faod sinn dearbhadh dhaibh gu bheil iad air an t-slighe cheart!"
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun latha bho Charistìona Nic an t-Saoir air christine@feisean.org no 07769 637754.
_____________________________________________________________________________________________
Soirbheachas an Sgoil Shamhraidh Dhràma aig FilmG
A bharrachd air sgilean an àird-ùrlar ionnschadh, gheibh compàirtichean na Sgoile Samhraidh cothrom eòlas a chur air cleasachd air beulaibh a chamara le bùthan-obrach trèanaidh bho FilmG. Taobh a-staigh dà latha gheibh na compàirtichean cothrom fiolm goirid a dhèanamh agus eòlas air na sgilean a tha dhìth gus fiolm a chruthachadh.
Tha fiolmaichean aig na compàirtichean air a bhith gu math soirbheachail 's iad gu tric air a gheàrr-liosta airson duais.
FilmG 2011 'Air an Starsaich'
- Thèid no Cha Tèid
Alannah Pheutan 'Cluich as fheàrr' Winner - Duaisean 12-17
Gearr-liosta airson Sgriobt as Fheàrr - Duaisean 12-17
- Tè Eile
Eleanor Wilson Geàrr-liosta airson 'Cluich as fheàrr'
Geàrr-liosta airson 'Film as Fheàrr' - Duaisean 12-17
FilmG 2010 - 'Làmh an Uachdar'
FilmG 2009 - 'Gaisgeach'
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu FilmG theirig chun làrach-lìn aca aig www.filmg.co.uk
__________________________________________________________________________________________________
Sgilean Dràma ga thairgsinn do Ghàidheal Òga
Am bliadhna tha sgioba dràma Fèisean nan Gàidheal a’ tabhann seirbheis dràma ùr do bhun-sgoiltean le roinnean Gàidhlig.
Thathar a’lìbhrigeadh a' phròiseact gu cunbhalach tron bhliadhna agus gheibh na sgoilearan a ghabhas pàirt eòlas air roghainn fharsaing de sgilean dràma tro shreath de bhùthan-obrach.
Anns a' bhliadhna-sgoile 2011-2012 chaidh a' phròiseact a' lìbhreagadh ann am bun-sgoiltean an Eilein Sgitheanaich ‘s Loch Aillse, an Uibhist agus ann an Leòdhas 's na Hearadh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ phròiseact seo cuiribh fòn gu Aonghas MacLeòid no Dougie Beck aig Fèisean nan Gàidheal ann an Inbhir Nis air 01463 225 559.
Dràma anns na h-Eileanan an Iar
Eadar deireadh na Dàmhair agus toiseach an Dùbhlachd 2011 ghabh 206 sgoilear à trì sgoiltean an Uibhist a' Tuath agus Beinn na Faoghla pàirt sa phròiseact.
'S iad Sgoil Cheann a' Bhaigh, Sgoil Chairinis agus Sgoil Bhail' a' Mhanaich.
Anns a' Ghiblean agus sa Chèitean fhuair bun-sgoiltean ann an Leòdhas 's na Hearadh cothrom pàirt a ghabhail anns a' phròiseact 's iad Bun-sgoil Lacasdail, Sgoil an Rubha, Sgoil an Taobh Siar, Sgoil Bhreascleit, Sgoil an t-Òib agus Sgoil Sheileiboist le 126 sgoilear a' gabhail pàirt uile gu lèir. Chòrd na bùthan-obrach ri na sgoilearan gu mòr.
_______________________________________________________________________________________
Bùthan-obrach Dràma airson Rèidio
Tha Fèisean nan Gàidheal a'lìbhreagadh bùthan-obrach mu dealbhan-cluiche rèidio.
Chaidh sreath de bhùthan-obrach mu dealbhan-cluiche rèidio a lìbhreagadh le Fèisean nan Gàidheal ann an 2009/2010 a chruthaich 10 dealbhan-cluiche ùra ann an co-bhonn leis a' BhBC a chaidh an uair sin a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal air a' phrògram òigridh Aileag, a tha ri cluinntinn gach feagar Dihaoine aig 4f. agus air ath-chraoladh aig meadhan latha Disathairne.
Gabhaidh èisteachd ri na dealbhan-cluiche air-loidhne le bhith tadhal air an duilleag-lìn 'Clips'aig Aileag
Tha fios nas mionadaiche mu dheidhinn na sgoiltean a ghabh pàirt agus ceangalan chun na dealbhan-cluiche ach rim faicinn gu h-ìosal:
Dealbhan-cluiche Gàidhlig a chaidh a chraoladh ann an 2010
Anns a' bhliadhna sgoile 2009-2010 dh'obraich Fèisean nan Gàidheal le sgoilearan Fèisean nan Gàidheal à Dùn Èideann, Eilean Leòdhais, na h-Uibhistean agus an t-Eilean Sgitheanach.
16 Iuchar 2010 – Bun-sgoil Chrois na Cìse, Dùn Èideann
23 Iuchar 2010 – Sgoil Phaibil, Uibhist a Tuath
6 Lùnastal 2010 – Àrd-sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais
13 Lùnastal 2010 – Bun-sgoil Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach
20 Lùnastal 2010 – Sgoil Bhail' a' Mhanaich, Beinn na Faoghla
27 Lùnastal 2010 – Sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais
3 Sultain 2010 – Sgoil Dhalabroig A, Uibhist a Deas
10 Sultain 2010 – Àrd-sgoil James Gillespies, Dùn Èideann
17 Sultain 2010 – Bun-sgoil Chille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
24 Sultain 2010 – Sgoil Dhalabroig B, Uibhist a Deas
Dealbhan-cluiche Gàidhlig a chaidh a chraoladh ann an 2011
Ann an 2010-2011, dh'obraich Fèisean nan Gàidheal còmhla ri Ruairidh MacNeacail, a tha na oifigear dràma do Eden Court gus a'[phròiseact a' lìbhreagadh ann an sgoiltean Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal, Siorrachd Ròis agus Loch Aillse.
3 Ògmhios 2011 - Bun-sgoil Thunga - Cù air chall
3rd Ògmhios 2011 - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - An Dreallag
10th Ògmhios 2011 - Bun-sgoil Loch Carrann - An Sìthiche Canadianach (Pàirt 1)
An Sìthiche Canadianach (Pàirt 2)
17 Ògmhios 2011 - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - An Tidsear Chrosta
24 Ògmhios 2011 - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis- Gangsters
1 Iuchar 2011 - Bun-sgoil Achadh na Creige, An t-Òban - Tha Tàlant aig an Òban
8 Iuchar 2011 - Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - Tubaist Plean
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - Campachadh
23 Iuchar 2011 - Bun-sgoil a' Phluic - Cupa na Cruinne-cè - Pàirt 1
Cupa na Cruinne-cè - Pàirt 2
5 Lùnastal 2011 - Bun-sgoil Chnoc na Creige, Baile Dhùbhthaich - Tranylvannia
12 Lùntastal 2011 -Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - Daoimean
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - Burraidhean
19 Lùnastal 2011 - Bun-sgoil Bhogha Mòr - MV Catastrophic - Pàirt 1
MV Catastrophic - Pàirt 2
26 Lùnastal 2011 - Bun-sgoil Chnoc na Creige - Taigh Tasgaidh
Bun-sgoil Dhrochaid a' Bhanna - Turas Sgoile
2 Sultain 2011 - Bun-sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain - Dealbh-cluich - Pàirt 1
Dealbh-cluich - Pàirt 2
9 Sultain 2011 - Bun-sgoil Gheàrrloch - Beathach nam Bròg - Pàirt 1
Beathach nam Bròg - Pàirt 2
16 Sultain 2011 - Bun-sgoil an t-Sàilein
23 Sultain 2011 - Bun-sgoil Thaigh a' Chladaich, Dùn Omhainn - Pàirt 1
Pàirt 2
30 Sultain 2011 - Bun-sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain - Fainne a' Bhanrigh








