ionnsachadh na gàidhlig

Gàidhlig – tè de chànain eachdraidheil na h-Alba. Tha a buaidh ri faicinn air feadh na dùthcha tro na linntean, gu h-àraid ann an ainmean-àite.

’S i a’ Ghàidhlig aon de chànain nàiseanta na h-Alba. Chithear agus cluinnear Gàidhlig an ìre mhath air feadh na h-Alba – bho Dhùn Èideann agus Glaschu gu na h-eileanan, air feadh taobh siar na dùthcha, suas don taobh a tuath gu Cataibh agus Gallaibh.

Chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh ann an 2005, tha Sgoiltean Gàidhlig againn an àite Gàidhlig a bhith air a casg. Tha sianal ùr telebhisein againn – BBC ALBA. Tha saoghal ùr romhainn agus buinidh Gàidhlig ri Alba air fad.

Faclan feumail

Madainn mhath Good morning

Feasgar math Good afternoon/evening

Oidhche mhath Good night

Ciamar a tha thu? How are you?

Tha mi gu math I am well

Chan eil mi cho math I’m not so good

Ag èirigh ’s a gearan! Getting there!

Chan eil mi dona I’m not bad

Fàilte ort! Welcome!

Ceud mìle fàilte A hundred thousand welcomes

Fàilte gu Alba Welcome to Scotland

Soraidh slàn Farewell

Mar sin leat Cheerio

Slàinte Mhath! Good Health!

Cò às a tha thu? Where are you from?

Tha am biadh math/blasta The food is good/tasty

Dè tha seo a’ cosg? What is the cost of this?

Turas math dhut! Good journey to you (Bon Voyage)

An toil leat ceòl? Do you like music?

Am bu thoil leat deoch? Would you like a drink?

Goireasan

Faclairean

Bathar-bog ann an Gàidhlig

Spòrs/Geamannan ann an Gàidhlig

Bord na Gaidhlig Highlands and Islands Enterprise Highland Council Argyll & Bute Council Comhairle nan Eilean Siar Creative ScotlandHomecoming Scotland 2014