Briathrachas nan Cèilidhean

Faclan feumail

Mar sin So (therefore)
Fhios agad? You know?
‘S e Conail a sheinn “An Eala Bhàn” It was Connel who sang “An Eala Bhàn”
Chluich Conail a phìob Connel played the pipes
Sheinn Conail “Fear a bhàta” Connel sang “Fear a bhàta”
B’ e Conail a bha siud That was Connel
Fèis Festival
Tha Seumas à Uibhist James is from Uist
‘S ann à Uibhist a tha mi I’m from Uist
À Uibhist From Uist
Às an Eilean Sgitheanach From Skye
As a’ Ghearasdan From Fort William
As na Hearadh From Harris
Halo, Is sinne ....... Hello, we are .........
Halo, Is sinne “Mumford and Sons” Hello, we are “Mumford and Sons”
Halo, is sinne Iain, Mairi agus Anndra Hello, we are Iain, Mary and Andrew
Fàilte! Welcome!
Halo ‘s fàilte! Ciamar a tha sibh a-nochd?! Glè mhath! Hello and welcome! How are you today? Great Stuff!
A bheil sibh gu math? Are you well?
Feasgar math Good afternoon
Madainn mhath Good Morning
(Tha e) Math ur faicinn (It is) good to see you
Tha sinne a’ cur fàilte oirbh uile We (the band) welcome you all
Fàilte dhan cuirm chiùil againn Welcome to our Concert
Tha e math uiread fhaicinn an seo It’s good to see so many here
Tha sinn an dòchas gun còrd a’ chuirm ribh We hope you’ll enjoy the concert
Bha seachdain gu math soirbheachail againn anns a’ Phloc agus tha sinn air tighinn an seo a shealltainn dhuibh na chuir sinn ri chèile fhad’s a bha sinn ann We had a great week in Plockton and we have come here to show you what we put together while we were there
Pìos ciùil Piece of Music
Seo pìos ciùil a sgriobh mi fhèin. ‘S e _______ an t-ainm a th’air Here’s a piece of music I wrote myself. It’s called_______
Seo pìos ciùil a sgrìobh Seònaid agus ‘s e “Alba Ùr” an t-ainm a th’air Here’s a piece of music that Seonaid wrote and it’s called Alba Ùr
Tha sinn a’ dol a thòiseachadh le… seata ruighlichean We are going to start with…
Tha sinn a’ dol a chluich port no dhà We’re going to play a tune or two
Tha sinn a’ dol a sheinn òran dhuibh We’re going to sing you a song
Tha sinn a’ tòiseachadh le puirt air a’ phìob We’re going to start with a tune on the pipes
Cluichidh Iain an duiseal le Màiri a’ seinn còmhla ris Conail will play the flute with Mairi singing along with him
A-nis tha sinn a’ dol a sheinn ________ Now we’re going to sing __________
A-nis tha sinn a’ dol a chluich________ Now we’re going to play__________
Airson an ath òran tha sinn a’ dol a sheinn____________ For the next song we’re going to sing ______________
Airson an ath phort tha sinn a’ dol a chluich ___________ For the next tune we’re going to play_____________
Gabhaidh mi òran I’ll sing a song
A-nis seinnidh sinn òran bhon dùthaich seo fhèin a chaidh a sgrìobhadh le _____ a tha à _____ Now we’ll sing a song from this very area which was written by _________ who is from __________
A-nis seinnidh sinn òran a fhuair sinn anns a’ Phloc bho Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein Now we’ll sing a song we got in Plockton from Calum Alick MacMillan
A-nis seinnidh sinn òran a fhuair sinn anns a’ Phloc bho Mhàiri Anna Nic Ualraig Now we’ll sing a song we got in Plockton from Mary Ann Kennedy
A-nis tha sinn a’ dol a ghabhail air ar socair airson greiseag le bhalsa Now we’ll take our time for a wee while with a waltz
Gabhaibh ur n-anail Take a breather
Tha sinn a` dol a ghabhail fois agus a’ dol a dh’èisteachd ri òran We’re going to have a rest and listen to a song
Tha Màiri a’ dol a chluich cumha Mary is going to play a Lament
eo pìos-ciùil a dh’ionnsaich sinn anns a’ Phlòc bho Fiona Nic an t-Saoir a chaidh a sgrìobhadh le Michael McGoldrick This is a piece of music we learned in Plockton from Fiona MacIntyre that was written by Michael McGoldrick
Airson an ath seata chaismeachd tha sinn a’ dol a thòiseachadh le Captain Carswell agus a’ leantainn sin cluichidh sinn Ben Gullion agus crìochnachaidh sinn le Donald MacLean’s Farewell to Oban For the next set of marches we are going to begin with Captain Carswell and following that we will play Ben Gullion and we’ll finish off with Donald MacLean’s Farewell to Oban
Bàrd Bard
Bana-bhàrd Female Bard
Airson an ath òran tha Calum a’ dol a sheinn “An Eala Bhàn” a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd Dòmhnall Ruadh Chorùna For the next song Calum is going to sing “An Eala Bhan” which was written by the bard Dòmhnall Ruadh Chorùna
Airson an ath òran tha Cairistiona a’ dol a sheinn Eilean a’ Cheò a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bana-bhàrd Mairi Mhòr nan Òrain For the next song Christine is going to sing “Eilean a’ Cheò” which was written by the (female) bard Màiri Mhòr nan Òrain
’S è òran snog a th’ ann mu dheidhinn … It’s a nice song about...
Tha sinn a’ dol a chrìochnachadh le seat mhòr agus tha Scott a’ dol a thòiseachadh air a’ phiòb… We’re going to finish off with a big set and Scott is going to begin on the pipes…
…leis a’ chaismeachd “The Battle of Waterloo” …with the march “The battle of Waterloo”
…leis a’ phort _______________ …with the port _____________
…leis an fhonn _______________ …with the air _____________
Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh We hope you will enjoy it
Tha mi an dòchas gun còrd e ribh I hope you will enjoy it
Airson an ath seat tha sinn a` dol a chluich seat beag ruighlichean. `S e a’ chiad phort “Maverick Angels”, an dàrna port “The Ramnee Cèilidh” agus airson a’ phuirt mu dheireadh tha sinn a’ dol a chluich “Bùntata ‘s sgadan” For our next set we’re going to play a wee set of reels. The first tune is “Maverick Angels”, the second tune is “The Ramnee Cèilidh” and for the last part we’re going to play “Buntata ‘s Sgadan”
Tha Anna a’ dol a sheinn agus Graeme a’ dol a chumail taic rithe Anna’s going to sing and Graeme is going to accompany her
A nis tha sinn a’ dol a chluich seata chaismeachd a fhuair sinn bho Ingrid Henderson Now we’re going to play a set of marches we got from Ingrid Henderson
A nis tha sinn a’ dol a chluich seata ruighlichean a chuala sinn anns an Òban Now we’re going to play a set of reels we heard in Oban
A nis tha sinn a’ dol a chluich seata puirt chruinn a dh’ionnsaich sinn nuair a bha sinn anns a Phloc Now we’re going to play a set of jigs we learned while we were in Plockton
Leanaidh sinn le òran slaodach socair bho Anna We will continue with a slow peaceful song from Anna
Tapadh leibh _______: Chòrd sin rinne Thank you _______; We enjoyed that
Tapadh leibh Anna: Chòrd sin rinne Thank you Anna: We enjoyed that
Tapadh leibh Callum: Chòrd sin rinne Thank you Callum: We enjoyed that
‘B e sin an guth binn aig ______ That was _______’s lovely voice
‘B e sin an guth binn aig Ruaraidh That was Ruaraidh’s lovely voice
An cuala sibh riamh na b’fhearr na siud? Have you ever heard any better than that?
Taing dha na dannsairean Thank you to the dancers
Nach sibhse a tha math air dannsa?! Aren’t you all good at dancing?!
Taing mhòr do _______ Enormous thanks to__________
Nach robh sin àlainn? Wasn’t that beautiful?
Uill, nach robh sin sgoinneal? Well, wasn’t that splendid?
Uill, nach robh sin math? Well, wasn’t that good?
Math dhà-rìribh Great stuff! / Really Good!
Tha sinn toilichte gun do chòrd an t-òran We’re glad you enjoyed the song
Tha sinn toilichte gun do chòrd na puirt ribh We’re glad you enjoyed the tunes
Tha sinn a’ dol a ghabhail fois a nis. Bidh sinn air ais ann an còig mionaidean deug We’re going to take a break now. We’ll be back in fifteen minutes
Fàilte air ais Welcome back
Tha sinne air ghoil shuas an seo! We’re boiling up here!
Siuthadaibh On you go!
Tha na dorsan-èiginn aig cùl na talla The emergency exits are at the back of the hall
Tha na dorsan-èiginn air an taobh seo dhen talla The emergency exits are at this side of the hall
Tha na taighean beaga-ri taobh an stèids The toilets are beside the stage
Cuiribh dheth na fònaichean-laimh agaibh, mas e ur thoile Please turn off your mobile phones
Bithear a’ reic tiocaidean rafail They will be selling raffle tickets
Bidh an t-airgead a tha an rafail a’ togail a dol gu Marie Curie Cancer Care The money the raffle raises will be going to Marie Curie Cancer Care
deagh fhortan Good luck
deagh luck Good luck
Tapadh leibh airson tighinn a-mach gar coimhead a-nochd Thank you for coming to see us tonight
Tha sinn an dòchas gun do chòrd e ribh èisteachd rinn a cheart cho math ‘s a chòrd e rinne a bhith a’ cluich air ur son We hope you enjoyed listening to us as much as we enjoyed playing for you
Tha sinn an dòchas gun do chord e cho math ribhse a bhith ag èisteachd rinn sa chord e rinne a bhith a’ cluich dhuibhse We hope you enjoyed listening to us as much as we enjoyed playing for you
Tha sinn an dòchas gun do chòrd an oidhche ribhse cho mòr sa chòrd e rinne We hope you enjoyed the night as much as we have
Mar sin leibh I/we bid you farewell/ I’ll take my leave
Oidhche mhath Good night
Chòrd e rinn a bhith an seo We enjoyed being here
Chòrd e rinn a bhith ann an_______ We enjoyed being in ___________
Chòrd e rinn a bhith ann am ______ We enjoyed being in __________
Chòrd e rinn a bhith anns an ______ We enjoyed being in ___________
Chòrd e rinn a bhith anns a ______ We enjoyed being in ___________
Chòrd e rinn a bhith anns na ______ We enjoyed being in ___________
Tapadh leibh gu dearbh Thanks to you indeed
Chòrd e rinn gu mòr. Tha sinn an dòchas gum faic sinn sibh a rithist We really enjoyed it. We hope to see you again soon
Turas sàbhailte dhuibh Safe journey to you
Thalladhaibh Dhachaigh Go Home!
Uill nach robh sin àlainn? Well, wasn’t that beautiful?
Uill nach ribh sin sgoinneal? Well, wasn’t that wonderful?
Uill nach robh sin math? Well, wasn’t that good?
Ma dha riribh! Really good
B’ è _____ a bha siud ____________ .. That was ______ …
B’ è Anna a bha siud air an Fhidheil That was Anna on the fiddle
Fidheall Fiddle
air an fhidheil On the Fiddle
Clàrsach Clarsach
air a’ Chlàrsaich On the Clarsach
Pìob The pipes
Air a’ phìob On the pipes
Pìob-bheag The wee pipes
air a’ phìob (bhig) On the wee pipes
Piana Piano
air a’ phiana On the piano
Giotàr Guitar
air a’ ghiotàr On the guitar
Fìdeag Whistle
air an fhìdeig On the whistle
Duiseal Flute
air an duiseil On the Flute
Druma Drum
air an druma On the drum
Air na drumaichean On the drums
Bogsa Accordion / Box
air a’ bhogsa On the Accordion / Box
Meur-chlar Keyboard
air a’ mheur-chlar On the Keyboard
Port-cruinn Jig
Puirt-chruinn Jigs
Port-dùbailte Slip-Jig
Puirt-dhùbailte Slip-jigs
Ruighle Reel
Ruighlichean Reels
Strath-spè Strath-spey
Cumha Lament
Cumhaichean Laments
Fonn Air
Fuinn Airs
Òran Song
Òrain Songs
Fèis Chataibh East Sutherland Fèis
Fèis a’ Mhonaidh Ruaidh Cairngorms Fèis
Fèis Rois Ross-shire Fèis
Fèisean Lochabair Lochaber Fèisean
Fèis an Earraich Skye and Lochalsh Fèis
Fèis Latharna Lorne (Oban Area) Fèis
Fèis Fhoirt Forth Fèis
Cèilidh air chuairt nàiseanta Trad Trails
Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council