Sgeama Leasachaidh nam Fèisean 2007-09

Luach a-nuas fiosrachaidh agus foirm-iarratas bhon taobh dheas dhen duilleag

Thairis nam bliadhnaichean, tha an sgeama seo air a bhith gu math feumail dha na Fèisean. Chì sibh bhon a’ phasgan gu bheil an sgeama a-nis nas fharsainge na bha e riamh, agus tha cothroman ùra ann taic fhaighinn le pròiseactan foillseachaidh, agus obair eadar Fèisean. Cha bhi crìoch sam bith air an ìre taic-airgid do phròiseactan anns an sgeama seo ged a tha suim iomlan air a’ sgeama air fad.

Tha an sgeama seo a’ faighinn tòrr taicairgid bho Iomairt na Gàidhealtachd (InaG). Le sin, bidh an Sgeama Leasachaidh a’ toirt taic dha na Fèisean an àite an taic a bha iad a’ faighinn bhon Chompanaidh Iomairt Ionadail aca. Cha bu chòir Fèisean anns an sgìre InaG a bhith a’ dol don Chompanaidh Iomairt Ionadail a’ sireadh airgid, ach bu choir dhaibh tagradh a chur a-steach dhan sgeama seo an àite sin. Ma tha sibh ag iarraidh barrachd chomhairle air an seo, leig fios thugam.

Ma tha ceist sam bith agaibh mu dheidhinn an sgeama seo, neo ma tha sibh ag iarraidh barrachd stiùiridh, leig fios thugam air (01463) 225559 neo air loidhne an seo.

Daibhidh Boag

Manaidsear Leasachaidh

 

‘S e cothrom fìor mhath a tha anns an Sgeama Leasachaidh taic fhaighinn airson pròiseactan a tha tighinn fo na ceithir roinnean a leanas:

Pròiseactan Ùra

Mar eisimpleir a’ ceannach rudan ùr (ionnstramaidean/uidheaman), a’ dol air turas sònraichte, a’ cur tachartas air leth air dòigh neo a’ cur sreath suas gu 6 chlasaichean ùra air dòigh mar phìleat.

Pròiseactan foillseachaidh

Mar eisimpleir Fèisean a tha ag iarraidh foilseachaidhean a chur air dòigh, lethid òrain/sgeulachdan bhon sgìre aca fhèin.

Pròiseactan eadar Fèisean

Co-dhiù 2 Fhèisean a tha ag iarraidh tachartasan a chur air dòigh ri chèile m.e. deìreadh na seachdain airson deugairean, neo prògraman ceanglaichean ann an Alba fhèin.

Fèisean Ùra

Bidh seo fosgailte gu Fèisean ùra a-mhàin a tha anns a’ chiad bhliadhna den bhallrachd aig Fèisean nan Gàidheal. Feumaidh an tagradh a bhith leantainn nan riaghailtean eile co-cheangailte ris a’ sgeama, agus feumaidh iad sealltainn gu bheil bonn-stèidh agus structar aig a’ chomataidh agus gu bheil cunntas banca aca. Cuideachd, feumaidh dearbhadh a bhith ann gu bheil taic-airgid eile ann bho àiteachan eile, leithid ughdarrasan ionadail.

 


Sgeama Thabhartasan nam Prìomh Fhèisean 2008-09

Gheibhear Foirm-iarrtais agus Stiùireadh air taobh dheas dhen duilleag seo


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 04/04/2008 12:23:10. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.