Meanbh-Chuileag
'S e Meanbh-chuileag a' bhuidheann dràma-oideachaidh a tha ag obair mar phàirt de dh'Fhèisean nan Gàidheal. Chaidh a stèidheachadh ann an 2000 agus bhon uair sin tha i air tadhal air corr is 200 bun-sgoil sgus a' bhuidheann ag obair an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Bho chaidh a stèidheachadh tha corr is 10,000 duine-chloinne air dealbh-chluiche Mheanbh-chuileag fhaicinn.
Ann am Màrt 2008 thainig cuairt Fògarraich na Grèine gu crìch as dèidh dhan sgioba a bhith air an rathad airson seachd seachdainean. Chaidh an dealbh-chluiche, a bha a' dèiligeadh le cuid de na rudan as cudromaiche a tha a' bualadh air a' Chruinne, leithid blàthachadh an t-saoghail, a thoirt timcheall cha mhòr caogad sgoil Ghàidhlig.
Ann an Giblean 2008 thug a' bhuidheann Taigh-tasgaidh Thaobh Siar Rois timcheall sgoiltean Sgire Gheàrrloch mar phairt de sheachdain Ghàidhlig air a ruith le Meur Loch Iù a' Chomainn Ghàidhealaich.
Bidh a' bhuidheann gu tric a' cumail bhuthan-obrach ann an sgoiltean agus aig tachartasan eile. 'S e samhradh trang a tha fa-near dhan sgioba agus iad a' tadhal air Uibhist, Dùn Èideann agus Cille Bhrìghde an Ear.
Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu Mheanbh-chuileag nach cuir sibh fios gu Dougie Beck air (01463) 225559.
