Mu ar deidhinn

Bha Fèisean nan Gàidheal air a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean. ‘S e buidheann le ballrachd a th’ ann a tha a’ tairgse iomadh seirbheis dhan bhallrachd a’ gabhail a-steach taic le tabhartasan, trèanadh, àrachas agus iasadan ionnstramaidean. ‘S e companaidh earranta le barantas a th’ ann am Fèisean nan Gàidheal, àireamh-clàraidh SC 130071, agus tha e air aithneachadh mar charthannas Albannach le Oifis nan Cìsean.

Tha mu 13,000 duine òg a’ gabhail pàirt gach bliadhna ann an tachartas do bheil Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic, 5,000 den àireamh sin a’ gabhail pàirt anns na Fèisean fhèin. Tha mu 5,500 a’ gabhail pàirt ann an clasaichean Iomairt Ciùil an Òigridh a bhios Fèisean ionadail a’ cur air dòigh, tro chunnraidhean le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Lodainn an Ear. Tha Fèisean nan Gàidheal a’ leantainn air a’ toirt taic don Chompanaidh Theatar Meanbh-chuileag, a bhios a’ dol timcheall nan sgoiltean le deilbh-chluich a bhios a’ cur cudrom air dualchas agus eachdraidh na Gàidhlig agus bhom bi mu 2,500 a’ faighinn buannachd.

Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd an urra ris an Fhèis Blas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus an Lìonra Ealain Promoters, agus tha iad cuideachd a’ toirt taic do Fhèisean a tha a’ cur air adhart Turasan Cèilidh.

Tha an àireamh de luchd-obrach a tha aig Fèisean nan Gàidheal air àrdachadh gu mòr sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad mar a tha an raon de sheirbheisean a thathar a’ tabhann don bhallrachd agus tha an raon de thachartasan air fàs cuideachd. Tha liosta den luchd-obrach ri fhaicinn ann an seo le na dleasdanasan sònraichte aca.  

 


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 14/05/2008 12:22:21. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.