Plana Trèanaidh Fhèisean nan Gàidheal
Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic do phlana trèanaidh airson luchd-obrach, luchd-oideachaidh, luchd-rianachd agus luchd-saor-thoileach. Tha am plana seo, anns a bheil raon de chùrsaichean a bhios a’ ruith aon no dà là, no cùrsaichean nas fhaide a bhios air an solar le companaidhean bhon taobh a-muigh airson am faighear taic-airgid, a’ brosnachadh leasachadh proifeiseanta leantainneach agus tha e cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh staid proifeiseanta de sgioba a tha gu ìre mhòr saor-thoileach tron bhallrachd air fad. Tha Oifigear Leasachadh Trèanadh air a fastadh aig Fèisean nan Gàidheal, a tha a’ roinn a h-ùine eadar FnG agus an Lìonra Treànaidh Luchd-oideachaidh Ceòl Traidiseanta.
Gach bliadhna tha clàr de thachartasan trèanaidh air an ullachadh airson nam Fèisean le cùrsaichean air rianachd, cultar, cuspairean sònraichte agus trèanadh reachdail ann an dòigh a tha cho tarraingeach ‘s cho tlachdmhor ‘s a ghabhas.
Am measg nan cùrsaichean a bhithear a’ ruith gu tric, tha an cùrsa trèanaidh airson luchd-oideachaidh, far a bheil na com-pàirtichean a’ faighinn treòrachadh mu phlanadh, a’ ruith ‘s a’ teagaisg chlasaichean le fiosrachadh mu slàinte agus sàbhailteachd, dìon chloinne, dòighean agus riatanasan proifeiseanta agus mu cho cudromach ‘s a tha e a bhith nad dheagh eisimpleir. Cuideachd, tha cùrsaichean ann airson luchd-ullachaidh Fhèisean agus airson comataidhean far a bheil trèanadh ionadail ri fhaighinn air rudan a tha sònraichte agus cudromach dhaibh, agus cùrsaichean cultarail air cuspairean sònraichte far am bi daoine ealanta air am fastadh airson dèiligeadh gu mionaideach ri cuspair sònraichte, leithid “Cruinneachadh Ghesto” le Cè Tormod Dòmhnallach, far am faodar eòlas fhaighinn air a’ cho-theacsa eachdraidheil agus air a chùl-fhiosrachadh, cho math ris na fuinn agus na facail. ‘S e pàirt chudromach den Fhèis a tha anns a’ Ghàidhlig, agus tha taic air a thoirt dhan fheadhainn a tha ag iarraidh an cànan ionnsachadh no na sgilean aca san raon seo a leasachadh.
Tha taic airgid airson nan cùrsaichean seo a’ tighinn bho Chomhairle nan Ealain, an Aonadh Eòrpach, na Comhairlean Ionadail, HIE agus Fèisean nan Gàidheal fhèin.
Tha e na adhbhar misneachd a bhith faicinn an spèis a tha trèanadh Fèisean nan Gàidheal a’ faighinn bho roinn a’ chiùil thraidiseanta. Thathar a’ coimhead ri Bùthan-obrach Trèanaidh Ìre 1 agus Ìre 2 mar eisimpleir de dheagh chleachdadh, agus tha iad air an cleachdadh mar mhodail taobh a-staigh bhuidhnean eile a tha an sàs ann an teagasg. Tha na bùthan-obrach a bhios a’ dol air adhart gach bliadhna sa Gearran aig Sabhal Mòr Ostaig air am frithealadh leis an dà chuid luchd-oideachaidh nam Fèisean agus luchd-oideachaidh bho bhuidhnean eile.
Leis an Teisteanas airson Oidean Ciùil a tha air a bharantachadh leis an SQA a-nis sa chatalog, bithear a’ misneachadh cholaisdean ionadail FE a bhith a’ tairgse an teisteanas leasachadh proifeiseanta seo, a chaidh a dhealbh ‘s a chur an gnìomh o thùs le Fèisean nan Gàidheal.
Tha na bùthan-obrach ann an raointean sònraichte air leantainn orra ann an iomadh àite, a’ toirt cothrom do luchd-oideachaidh a tha eòlach tuilleadh a chur ri an eòlas agus an stuth aca a chur ann an co-theacsa, agus cuideachd cothrom fhaighinn air Sàr Chlas bhon luchd-ealain as ainmeile a tha againn san nòs traidiseanta Ghàidhlig agus tha program de thachartasan trèanaidh air a shanasachadh fad is farsaing, a’ gabhail a-steach raon mòr de thrèanadh do luchd-oideachaidh, eagrachaidh agus com-pàirteachaidh ‘s a’ mhòr-chuid dheth fosgailte don phoball cuideachd.
