Blas

Blas 2018: 7-15 Sultain

‘S i fèis a th’ ann am Blas a thàinig bho bheachd a chuir Comhairle na Gàidhealtachd air adhart an dèidh dhaibh tadhal air an fhèis Celtic Colours ann am Ceap Breatuinn.  Tha i air a ruith ann an co-bhonn ri Fèisean nan Gàidheal agus tha sinn gu mòr an eisimeil bhuidhnean ionadail a bhios a’ toirt taic dhuinn le tachartasan a chur air dòigh.

Tha an fhèis air fàs anns na bliadhnaichean a tha i air a bhith ga cumail agus, a bharrachd air cuirmean-ciùil thall ‘s a bhos air feadh na Gàidhealtachd, bidh Prògram Foghlaim a’ dol air adhart anns na sgoiltean aig an aon àm.  Bidh grunn thachartasan anns na h-Eileanan Siar cuideachd agus, ann an 2018, tachartasan sònraichte airson Bliadhna na h-Òigridh a chomharrachadh

Tadhailaibh air làrach-lìn na fèise airson prògram na bliadhnasa no ghabhadh a luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleige.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council