ICO: Iomairt Chiùil na h-òigridh

Sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha gach soirbheas air a bhith a’ leantainn air a’ cho-obrachadh eadar Iomairt Chiùil na h-Òigridh (ICO) agus Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a’ toirt seachad 12 seachdainean gach bliadhna de cheòl traidiseanta ann an gach fear de na 183 bun-sgoiltean anns an sgìre. Thig leasachadh agus adhartas tro bhith a’ comharrachadh nan clasaichean as riatanaiche, gu h-àraidh a chionn ‘s gu bheil na clasaichean air a bhith a’ ruith a-nis airson còrr is deich bliadhna. Tha sgoilearan agus sgoiltean a-nis a’ coimhead air ICO (traidiseanta) mar phàirt stèidhichte den chlàr-oideachaidh.

‘S i Eilidh NicCoinnich a bhios a’ cumail sùil air lìbhrigeadh na seirbheis às leth Fèisean nan Gàidheal far a bheil a dreuchd a’ cur cuideam air ìre-teagaisg àrd, trèanadh agus stòrasan-teagaisg. Tha cuid de na Fèisean – Fèis Chataibh, Fèis an Earraich, Fèis Lochabair, Fèis Rois agus Fèis Spè – a’ cur clàran-ama nan sgìrean aca fhèin air dòigh agus a’ lorg luchd-teagaisg freagarrach.

Tha fios air ais bho na sgoiltean agus na sgoilearan air a bhith air leth brosnachail agus tha luchd-teagaisg air a bhith an-sàs ann an diofar thachartasan sgoile, a’ dearbhadh cho cudromach ‘s a tha an dreuchd.

Gus nach tèid an aon rud a theagasg ann an clasaichean-ciùil na sgoile, tha an sgeama ag amas air ceithir prìomh roinnean; fìdeag, òrain Ghàidhlig, òrain chloinne agus a’ cluich còmhla, ged a tha dòigh na bu fhreagarraiche air a leasachadh a-nis a tha a’ toirt cothrom dha ICO (traidiseanta) a choileanadh feumalachdan sgoiltean/sgoilearan fa leth.

Tha an Iomairt a’ toirt cosnadh dha mòran luchd-ciùil air a’ Ghàidhealtachd agus, a bharrachd air trèanadh, tha cothrom aca a bhith a’ teagasg ciùil ann an dòigh nas fhoirmeile. Tha seo air a bhith luachmhor dhan mhòr chuid agus tha feadhainn dhiubh air ùidh a ghabhail ann am foghlam agus air a dhol air adhart gu teagasg mar dhreuchd.

Bidh na sgoilearan a’ faotainn chothroman ionnsachadh bho luchd-ciùil air leth, gus an eòlas ciùil àrdachadh agus faodaidh iad seo a leantainn tro Fhèisean ionadail.

Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu eilidh@feisean.org.

Goireasan agus Fiosrachadh

Gheibhear stòras òrain agus fìdeige airson luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleige.

Gheibhear faidhlichean mp3 den h-òrain tron cheangal seo (101mb) agus faidhlichean mp3 de phuirt na fìdeige tron cheangal seo (103mb).

Gheibhear cuairt-litrichean airson luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleige.

The sreath de bhideoan goirid a’ sealltainn agallamhan le cuid de na sgoilearan agus luchd-teagaisg a tha an sàs ann an Iomairt Chiùil na h-Òigridh air Ghàidhealtachd rim faicinn shìos.  Chithear clàr de na bhideoan aig fìor mhullach den chluicheadar air a’ làimh chlì.

Sgìrean Eile

Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd air cùmhnantan Iomairt Chiùil na h-Òigridh a lìbhrigeadh airson Comhairle Lodainn an Ear agus Comhairle Rinn Friu.  Bhitheamaid toilichte conaltradh ri ùghdarrasan ionadail eile a dh’fhaodadh feum a dhèanamh de ar seirbheisean.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council