Iomairtean Gàidhlig

Tha Fèisean nan Gàidheal toilichte co-obrachadh le Comunn na Gàidhlig agus buidhnean eile airson Iomairtean Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an diofar sgìrean.  Tha seo mar phàirt de phròiseact air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig airson cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh aig ìre nan coimhearsnachdan.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu sgìrean nan Iomairtean an seo.

Tha Fèisean nan Gàidheal air taic a thoirt le iomadh pròiseact, nam measg Meanbh-Fhèis ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus taic le clò-bhualadh irisean air an sgrìobhadh leis na sgoilearan.  Faodaidh sibh An Dàrna Làr, Brag, Sin agad e! agus OK Mata! a lorg air làmh dheas na duilleige agus seo dealbhan bhon Mheanbh-Fhèis

Chithear bhideo a chaidh a dhèanamh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council