Tèatar Oideachaidh

‘S e ‘Meanbh-chuileag’ ainm na h-iomairt dràma-oideachaidh a th’aig Fèisean nan Gàidheal a th’air a bhith dol bho chaidh a’ stèidheachadh le taic bho Fèis Dhùn Èideann ann an 2000.

A-nis stèidhte ann an oifis Fèisean nan Gàidheal ann an Inbhir Nis, bidh Meanbh-chuileag, as trice a’ sgrìobhadh is a’ toirt air chuairt dealbh-cluiche ùr gach bliadhna, is tha a’ bhuidheann air leth deònach èisteachd ri molaidhean airson dealbhan-cluiche ùra.

‘S ann air bun-sgoiltean Gàidhlig a tha a’ mhòr chuid den obair aig Meanbh-chuileag ag amas le dealbhan-cluiche agus bùthan-obrach ann an Gàidhlig ‘s thathar cuideachd an sàs ann am pròiseactan a tha freagarrach do roinnean Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile.

Bidh Meanbh-chuileag a’ dèanamh dealbhan-cluiche agus bùthan-obrach sa Bheurla cuideachd le dealbhan-cluiche a’ togail air cuspairean ceangailte ri eachdraidh ‘s cultar nan Gàidheal agus a’ toirt cothrom do sgoilearan eòlas a chur air a’ chànan agus beagan Gàidhlig ionnsachadh aig an aon àm.

Tha na dealbhan-cluiche agus bùthan-obrach aig Meanbh-chuileag a’ toirt taic do sgoiltean ann a bhith ag obair a dh’ionnsaigh builean a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais a leanas:

  • mothachail air cò ris a tha e coltach a bhith an làthair aig tachartas inntinneach agus brosnachail air a lìbhrigeadh le daoine eile
  • ag àrdachadh agus a’ neartachadh ionnsachadh tro bhith ag obair còmhla ri companaidhean ealain proifeasanta, luchd-ealain agus buidhnean cultarach
  • a’ leasachadh tuigse air cho beòthail, luachmhor ‘s a tha cultar nan Gàidheal – don chuid mhòir aca ann an sgìre na Gàidhealtachd, an cultar agus an cànan aca fhèin

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Meanbh-chuileag agus na dealbhan-cluiche aig a’ bhuidheann cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council