Nàbaidhean Ceilteach

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ gabhail pàirt sa phròiseact eadar-nàiseanta seo.  Mar phàirt dheth, chaidh cruinneachadh is fèill eadar-nàiseanta nan ealain is a’ chultair a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach eadar 26 agus 28 Ògmhios 2013.  Thug Tional cothrom air leth dhuinn a thighinn cruinn còmhla le compàirtichean à dùthchannan a leithid Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, Galicia, Na h-Eileanan Fàro, Dùthaich nam Basgach agus Fryslan.  Tha iomadh pròiseact air leantainn bhon uair sin.

Gheibhear prògram na co-labhairt air taobh deas na duilleig.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun phròiseact san fharsaingeachd an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council