Taisbeanaidhean

Tha iomadh cothrom air a bhith aig òigridh nam Fèisean pàirt a ghabhail ann an tachartasan a tha a’ taisbeanadh an cuid tàlantan, eadar cuirmean mòra a leithid Ceòl nam Fèis, Duaisean a’ Chrannchuir Nàiseanta a chaidh a chraobh-sgaoileadh air feadh na dùthcha air BBC1no pìosan ciùil ùra a leithid Harvest no Dealbh Dùthcha a bharrachd air tachartasan aig Blas gach bliadhna.  Tha cothroman air a bhith aca pàirt a ghabhail ann an grunn phrògraman telebhisean cuideachd a leithid Beòlach, Ho-ro Gheallaidh agus iTrad.

Ann an 2014, chluich compàirtichean Fèisean air beulaibh sluagh de 5,000 aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu. Fhuair iad cothrom an uair sin a chluich ag Cuirm Duaisean Ciùil na h-Alba san Dùbhlachd 2014 air thoiseach air cuirm aig Celtic Connections san Fhaoilleach 2015.

Chì sibh eisimpleirean de thaisbeanaidhean le bhith a’ leantainn nan ceanglaichean gu h-ìseal:

Ceòl nam Fèis 2000

Fèis Rois aig na Proms ann anTalla Rìoghail Albert 2011

Ceòl nam Fèis 2014

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council