Tèatar Òigridh Ghàidhlig

Tron ‘Maoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig’ aig Bòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal agus Eden Court ag obair còmhla gus cothroman a bharrachd a thoirt do sgoilearan àrd-sgoile le Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd sgilean dràma ionnsachadh agus taisbeanaidhean dràma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Fèis  Thèatar Òigridh Ghàidhlig 2016 
Dealbhan bho Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig 2016

Air 5 Dàmhair 2016, ghabh ceithear thèataran-òigridh Gàidhlig bho Bhaile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain, Inbhir Nis agus Glaschu pàirt ann am Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig, a thug cothrom do 18 deugairean le Gàidhlig cleasachd ann an theatar proifeiseanta agus taic theicnigeach fhaighinn bhon sgioba aig Eden Court. Chaidh na dealbhan-cluiche aca a thaisbeanadh do sgoilearan àrd-sgoile feasgar agus taisbeanadh poblach air an oidhche.

TÒG Bhaile Dhubhthaich 2016
TÒG Inbhir Pheofharain 2016
Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis 2016
Tèatar Òigridh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 2016

Ri linn a’ mhaoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig stèidhich ar n-Oifigear Dràma dà bhuidheann ann am Baile Dhubhthaich agus Inbhir Pheofharain agus le stiùireadh bhuaithe dheasaich iad dà dhealbh-chluich ùr a chaidh a thaisbeanadh aig an Fhèis.

Tha Eden Court agus Fèisean nan Gàidheal fada an comain an taic-airgid a fhuaras tro Mhaoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig 2015/16 aig Bòrd na Gàidhlig gus an Fhèis seo a lìbhreagadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir brath gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal le post-dealain aig angus@feisean.org no cuir fòn thuige air 01463225559

Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig 2015
Mar phàirt den Fhèis ann an 2015 leasaich compàirtichean dealbhan-cluiche Gàidhlig ùra, le taic bho Aonghas agus Eden Court Cruthachail.  Chaidh na dealbhan-cluiche a thaisbeanadh aig an One Touch Theatre, Eden Court, Inbhir Nis air Diardaoin 10 Sutlain 2015.
TÒG Inbhir Pheofharain 2015
TÒG Bhaile Dhubthaich 2015 
Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis 2015

Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig 2014
Dealbhan a chaidh a thogail aig ‘Fèis Dràma Dheugairean 2014′ air Diciadain 10 Sultain aig Eden Court:

TÒG Inbhir Pheofharain 2014
TÒG Bhaile Dhubthaich 2014
Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis 2015

Fèis Dhràma Dheugairean 2013
As t-Earrach 2013 dh’obraich Eden Court agus Fèisean nan Gàidheal còmhla gus Fèis Dhràma Dheugairean a chur air bhonn, pròiseact dhearbhaidh a shoirbhich gu mòr agus a thàinig gu bith tron sgeama ‘Lìonradh Dràma Ghàidhlig’ aig Bòrd na Gàidhlig.

Thòisich an t-oifigear dràma aig Fèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, dà bhuidheann dràma òigridh do dheugairean le Gàidhlig ann an Inbhir Pheofhairean agus Baile Dhubhthaich leis a cheann-ùidhe rompa dà dhealbh-chluiche ùr a thaisbeanadh aig an Fhèis.
A bharrachd air bùthan-obrach Aonghais, fhuair gach buidhean cothrom eòlas fhaighinn air cuspair shònraichte a gus na dealbhan-cluiche aca a leasachadh ann an dòighean eadar-dhealaichte. Rinn an club dràma anns an roinn Gàidhlig aig Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich seisean ann an sgrìobhadh sgriobtaichean le Catriona Lexy Chaimbeul agus rinn Club Dràma Òigridh Inbhir Pheofhairean bùthan-obrach ann an stop-frame-animation le Graeme Roger bhon sgioba aig Eden Court CRUTHACHAIL.

Air Diluain 18 Giblean 2013, às dèidh cha mhòr dà mhìos, chruinnich nan compàirtichean uile còmhla aig Eden Court ann an Inbhir Nis airson Fèis Dràma Dheugairean far an d’fhuair iad cothrom coinneachadh ri chèile agus ùine a bharrachd airson deasachadh ron taisbeanadh fhèin a chaidh a chumail air an oidhche.

Gabhaidh na dealbhan a chaidh a thogail aig Fèis Dràma Dheugairean fhaicinn air an duilleag Flickr aig Fèisean nan Gàidheal aig na ceanlglaichean a leanas:

Aig Cridhe na Coille le Club Dràma Òigridh Bhaile Dhubhthaich
Reulag le Club Dràma Òigridh Inbhir Pheofharain
Cleasachd fòn-làimhe le Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis

Às dèidh moladh fhaighinn bho roinn Gàidhlig Acadmaidh Inbhir Pheofharain rinn Club Dràma Òigridh Inbhir Pheofharain taisbeanadh eile den dealbh-chluich aca do sgoilearan Bun-sgoil Inbhir Pheofharain a chaidh a chumail aig an Acadmaidh air Dimàirt 18 Ògmhìos 2013.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council