Sgoil Shamhraidh Dràma

Sgoil Shamhraidh Dràma 2017

Bidh Sgoil Shamhraidh Dràma na bliadhna sa a’ gabhail àite ann am Port Rìgh eadar Diluain 3 agus Disathairne 15 Iuchar.  Tha e fosgailte do dheugairean a bhruidhneas Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 18 bliadhna a dh’aois aig àm na Sgoile.

Fòrmat Ùr

Tha dà roghainn aig tagraichean am bliadhna – 6 làithean no 12 làithean.

  • Ma roghnaicheas tu 6 latha, tòisichidh tu feasgar Diluain 6 Iuchar agus criochnachaidh tu madainn na Sàbaid 8 Iuchar.  Cosgaidh e £100*.
  • Ma roghnaicheas tu 12 latha, tòisichidh tu aig an aon àm air feasgar Diluain 3 Iuchar, ach crìochnachaidh tu madainn Disathairne 15 Iuchar.  Cosgaidh e £150*.

*Ma bhios feum air taic le cosgaisean na Sgoile gabhaidh còmhradh a chumail le do phàrant/ neach-dìon mu dheidhinn. Thèid dèiligeadh ri d’fhiosrachadh gu dìomhair.

Gheibh a h-uile compàirtiche san Sgoil an aon clàr-ama de bhùthan-obrach ‘s cur-seachadan rè a’ chiad seachdain.  Gheibh compàirtichean a dh’fhuiricheas airson 12 latha cothrom pàirt a ghabhail ann an co-dhiù aon thaisbeanadh poblach aig deireadh na Sgoile, far an tèid an obair a dheasaicheas iad a thaisbeanadh.

Foirm-iarrtais

Gus àite fhaighinn aig Sgoil Shamhraidh Dràma chan fheum thu ach ar foirm-iarrtais air-loidhne a’ lìonadh.

FOIRM-IARRTAIS SSD2017

Ma tha ceistean sam bith agad mun Sgoil Shamhraidh Dràma no mun fhoirm-iarrtais cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559.

Dè th’anns an Sgoil Shamhraidh Dràma?
Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma a’ toirt cothrom air leth do dheugairean le Gàidhlig tha ag iarraidh sgilean a’ leasachadh gus cleasachd a dhèanamh air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a’ chamara.

‘S e tachartas-còmhnaidh a th’anns an Sgoil a thèid a chumail ann am Port Rìgh tro làithean-saora an t-samhraidh.  Anns an ùine sin gheibh compàirtichean oideachadh ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le torr spòrs ‘s fealla-dhà na chois.

Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil Shamhraidh.  

Dè’n aois?
Tha an Sgoil ag amas air deugairean a bhruidhneas Gàidhlig eadar 13 agus 18 bliadhna a dh’aois.

Na Clasaichean
Gheibh com-pàirtichean trèanadh agus stiùireadh ann an taghadh farsaing de sgilean – cleasachd, sgilean gutha, gluasad, sgilean cruthachail agus sgilean stèidse san fharsaingeachd. Bidh na cuspairean seo gan teagasg le sgioba ealanta de shàr chleasaichean agus luchd-ealain eile. Bithear ag obair air pìosan dràma a thèid a thaisbeanadh aig deireadh na Sgoile.  A bharrachd air obair àrd-ùrlair gheibh compàirtichean cothrom film goirid a dhèanamh  airson FilmG, farpais nam filmaichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA.

Àite-fuirich
Bidh com-pàirtichean a bhith a’ fuireach ann an Ostail Àrd-sgoil Phort Rìgh far am faighear bracaist, lòn agus dìnnear. Bidh sgioba de luchd-aire a’ fuireach làn-ùine san ostail.

Taisbeanadh Poblach
Thig an Sgoil Shamhraidh Dràma gu crìch le co-dhiù aon oidhche thaisbeanaidh a bhios fosgailte don mhòr-shluagh.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Fèineag a thog  Iain Swinney BPA,Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba
le com-pàirtichean SSD2016 aig Cuirm Dhuaisean FilmG 2017
Dealbhan Oifigeil bho Chuirm-Dhuaisean FilmG 2017

 

DNA le SSD2015
Dealbhan a chaidh a thogail de oidhche thaisbeanaidh na Sgoile aig Àros air Diardaoin 16 Iuchar 2015.

P7160636

 

SSD2014 aig Àros
Chaidh an dealbh-chluich An Ite Gheal a thaisbeanadh aig Àros air Diardaoin 17 Iuchar 2014.

Fiolmaichean-goirid
Rè a chiad seachdain den Sgoil Shamhraidh Dràma gheibh compàirtichean na Sgoile cothrom film goirid a dhèanamh far am faighear cothrom eòlas a chur air na sgilean cleasachd a tha dhith air beulaibh a’ chamara agus sgilean teignicheach leis a’ chamara.

Bhuannaich an fhilm a rinn SSD2016 duais airson Film as Fheàrr san roinn Òigridh sa cho-fharpais son son filmichean goirid aig FilmG.

Faigh Wi-Fi!

 

 

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain FilmG a tha toirt stiùir ‘s uidheamachd dhuinn gus filmaichean goirid a dhèanamh.

Tha tasglann de na filmaichean goirid a chaidh a chur a-steach don cho-fharpais aig FilmG thar nam bliadhnaichean ri fhaicinn an seo: Fiolmaichean Goirid SSD

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council