Guth nan Gael

‘S e pròiseact iomlaid cultaraiche a th’ ann an Guth nan Gael eadar Fèisean nan Gàidheal ann an Alba agus an t-Ionad Oirghialla ann an Dùn Dealgan, Èirinn.  Tha am pròiseact seo a’ toirt cothrom do luchd-ciùil òga eadar sia bliadhna deug agus dhà bhliadhna thar fhichead a dh’aois aig a bheil Gàidhlig no Gaeilge a thighinn còmhla gus ionnsachadh mu na ceanglaichean culturach eadar Alba is Èirinn.

‘S e cleachdadh agus togail na Gàidhlig agus na Gaeilge prìomh amas a’ phròiseict seo is sinn a’ tabhann cothrom do dh’òigridh pàirt a ghabhail ann am measgachadh de thachartasan leithid bhùthan-obrach, chuairtean culturach agus cothroman taisbeanaidh.

Chithear dealbhan agus bhideothan bhon bhuidhinn a bh’ againn ann an 2016 air an duilleig Facebook aca.

Tha sinn fada an comain an sgeama CholmcilleBòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge airson an taice leantainniche leis a’ phròiseact seo.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council