Trèanadh

Trèanadh Luchd-Teagaisg Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur cùrsa air dòigh do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ teagasg aig Fèis. Air a’ chùrsa seo ionnsachaidh sibh mu na sgilean bunasach a tha an lùib a bhith a’ teagasg leithid dìon cloinne, dòighean teagaisg, a’ dèiligeadh le diofar ìrean ann an aon chlas agus mar a chleachdas sibh goireasan tasglann.

Càite: Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach

Cuin: Disathairne 20 Gearran 2016

Uair: 9m gu 5f  le cèilidh aig 7.30f (àite-fuireach ri fhaotainn Dihaoine agus/no Disathairne)

Tha foirm-iarrtais ri fhaotainn an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council