Trèanadh Chomataidhean

Ghabhadh trèanadh a chur air dòigh airson buill chomataidhean aig àm sam bith a tha freagarrach dhaibh.  Dh’fhaodadh Oifigearan Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal seiseannan a lìbhrigeadh ann an Cùram Chloinne/Sgeama PVG, A’ cur an gnìomh Poileasaidh Gàidhlig agus Dleastanasan Buill Chomataidh/Urrasairean.

Thèid trèanadh air cuspairean eile a chur air dòigh a-rèir iarrtais, no dh’fhaodadh gum bi taic-airgid ri fhaighinn airson trèanadh a dhèanamh aig ìre ionadail.

Bu chòir luchd-eagrachaidh nam Fèisean a bhruidhinn ris an Oifigear Leasachaidh aca anns a’ chiad dol a-mach.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council